
Kay NicMhathain
Mà rtainn Dòmhnallach agus eòlaichean a' coimhead air ais air beatha Kay NicMhathain. Recalling the life of Kay Matheson, political and Gaelic activist, as well as teacher.
'S iomadh rudha ris na shuath Kay NicMhathainn ach 's e an euchd a rinn i fhèin agus triùir eile a' toirt an Lia Fà il, neo Clach Sgà in, à Abaid Westminster air ais a dh'Alba ann a 1950 a thug gu aire an t-saoghail i. B' ann à Inbhir Àsdail, air taobh siar Rois a bha i, agus b' ann anns a' sgìre sin, san Allt Bheithe, a chaochail i aig aois 84.
B' e tidsear eaconomachd na dachaigh a bh' innte na h-obair là itheil ach bha cuideachd taobh mòr aice ris a' Ghà idhlig, agus i an luib a bhith ruith Campa Comann na h-Òigridh fad bhliadhnaichean.
Anns a' phrògram seo le Mà rtainn Dòmhnallach, a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2002, cluinnidh sinn bho Kay fhèin agus i a' coimhead air ais air a beatha agus cuideachd bho Rona Lightfoot, Murchadh Caimbeul, Fionnlagh MacNèill agus Flora Perry, am measg eile, a bha eòlach oirre agus iad a' dèanamh dealbh air boireannach là idir, a bha brosnachail agus misneachail anns gach raon san robh i a' sà s.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Wed 10 Jul 2013 13:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Jul 2013 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Jul 2013 10:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal