
An t-Oll Urr Tormod MacÃŒomhair
Seirbheis bho 1993 còmhla ris an Oll Urr Tormod MacÌomhair, Eaglais na h-Alba, Newhills, Obar Dheathain. Archive service conducted by Rev Dr Norman MacIver, Newhills COS from 1993.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 107, 1-2 air fonn St David, os cionn na seinn tha Fionnlagh Caimbeul le taic bho choitheanal Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh
Salm 51, 6-7 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn tha Aonghas MacIllFhinnein le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Salm 73, 23-24 air fonn Torwood, os cionn na seinn tha Tormod Caimbeul le taic bho choitheanal Eaglais Free North ann an Inbhir Nis
Leughadh; Eòin 21: 15-19
Rugadh Tormod MacÌomhair ann an Glaschu ann an 1941. Bhuineadh athair do sgìre Chà rlabhaigh agus a mhà thair do sgìre Leumrabhagh. Bha triùir bhalach san teaghlach agus b' e Tormod a bu shine. Thòisich e anns an sgoil ann an Glaschu agus bha e fhèin agus Irene, a bhean, air an aona chlas san sgoil. Ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e sia bliadhna a dh'aois agus chaidh iad a dh'fhuireach a Chà rlabhagh far an robh athair a' dol a dh'obrachadh croit a theaghlaich. Bhà saich athair nuair a bha Tormod deich bliadhna a dh'aois agus ghluais a mhà thair san teaghlach air ais a Ghlaschu bliadhna an dèidh sin. Chaidh iad air ais a dh'fhuireach dhan aon taigh san robh iad agus a' frithealadh an aon eaglais agus sgoil.
Chaidh Mgr MacÌomhair gu Àrd-sgoil Woodside airson foghlam aig à rd-ìre agus am measg nan cuspairean a bhathar a' teagasg san sgoil sin aig an à m bha a' Ghà idhlig. Fhad 's a bha e san sgoil fhuair e urram caiptein na sgoile. Chaidh e an uairsin a dh' Oilthigh Ghlaschu airson ùine ghoirid agus an dèidh sin fhuair e cosnadh ann an gnìomhachas à rachais. Thug Irene a-mach à rd-dhreuchd na banaltram. Ann an 1963 phòs iad, bha ceathrar chlann-nighean aca agus cheumnaich e fhèin à Oilthigh Chaledonia ann an Glaschu.
Ann an 1970 chaidh Mgr MacÌomhair air ais dhan oilthigh agus e nise a' leantainn dreuchd na ministrealachd. Cheumnaich e le MA agus BD à Oilthigh Ghlaschu ann an 1976 agus thug e mach dreuchd ministeir. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Paraiste Newhills ann an Obar Dheathain ann an 1976 agus bha e a' frithealadh an aon choitheanal gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006.
Fhad 's a bha e na mhinistear ann an Newhills bha e gu mòr a' sàs ann an obair ministrealachd aig ìre nà iseanta agus eadar-nà iseanta. Bhiodh e a' siubhal gu à itichean fad às mar na Philippines, Thailand, Brazil, Hungary, Israel agus na Stà itean Aonaichte. Bha e na à rd-stiùiriche aig Eaglais na h-Alba ann a bhith taghadh dhaoine a bha freagarrach airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Bha e cuideachd na bhall air iomadach comataidh eile, nam measg Comhairle an Àrd-sheanaidh far an robh e na neach-gairm air Comataidh a' Chonaltraidh agus Comataidh na Gà idhlig . Bha e cuideachd na Mhodarà tair air clèir Obar Dheathain ann an 1988. Cheumnaich Mgr MacÌomhair le Urram Dotaireachd bho Seamanaraidh Diadhachd Pittsburgh an co-phà irt ri Oilthigh Obar Dheathain ann an 2003. Bha e cuideachd na riaghladair air Colaiste Diadhachd na Gà idhealtachd agus air a' bhuidheann Forward Together.
Às dèidh dreuchd paraiste a leigeil seachad, chaidh Mgr MacÌomhair agus a bhean air cuairt trì mìosan air feadh an t-saoghail. Chùm e air a' searmonachadh ann am paraistean faisg air fhèin ann an sgìre Ghòrdain, agus bha e cuideachd e ri chluinntinn a' searmonachadh ann an Nassau anns na Bahamas. Shearmonaich e cuideachd air bà taichean-cruise anns a' Charibbean agus chualas e a' seinn anns a' Ghà idhlig air na tursan aige.
Bhà saich Mgr MacÌomhair air an 9mh den t-Samhainn 2019.
Last on
More episodes
Previous
An t-Oll Urr Tormod MacÃŒomhair

Broadcasts
- Sun 18 Aug 2013 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Feb 2020 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Jun 2022 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal