
30/08/2013
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain le cunntas beatha naoimh Albannaich. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
ProducerMaggie MacKinnon.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 737
Duration: 05:00
Litir 737: Leitir Fura - Pàirt 1
Nuair a bha mi anns an Eilean Sgitheanach o chionn ghoirid, chaidh mi a-mach air chuairt ann an Slèite. Choisich mi an rathad gu ruige seann bhaile air a bheil Leitir Fura. Tha Coimisean na Coilltearachd ag ath-nuadhachadh na coille, agus tha tòrr chraobhan dùthchasach ann, a bharrachd air lusan eile.
Bha mi eòlach air a’ choille sin bho shean. Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Slèite, tràth sna naochadan, bhithinn a’ falbh tron choille don chladach faisg air Ceann Locha. Bhiodh a’ chlann a’ cluich air a’ mhol. Agus gu tric bhiomaid a’ faicinn dòbhrain a’ cluich aig muir.
Aon latha geamhraidh, chaidh sinn don chladach agus dè lorg sinn ach cathair mhòr leathair ann an deagh òrdugh. Bha i bog fliuch, oir bha i air a sguabadh don chladach leis an tìde-mhara. Thog a’ bhean agam ’s mi fhìn a’ chathair. Ghiùlain sinn i gu os cionn an tiùrr far am biodh i a’ tiormachadh an ceann greis.
Uill, na b’ annasaiche buileach, thill sinn don dearbh thràigh an ceann beagan làithean agus dè bha na laighe air a’ mhol ach cathair leathair eile – dhen dearbh sheòrsa ’s a fhuair sinn an latha roimhe! Feumaidh gun deach na dhà a thilgeil a-mach às an aon luing aig an aon àm. Co-dhiù, cha b’ fhada gus an robh dà chathair nan suidhe taobh ri taobh os cionn an tiùrr.
Thiormaich na cathraichean. Bhithinn fhìn ’s a’ bhean agam a’ falbh don chladach agus a’ suidhe orra. Bha sealladh air leth againn de bheanntan Chnòideirt os cionn Linne Shlèite.
’S iad craobhan-beithe agus craobhan-calltainn as motha a chithear sa choille ach an siud ’s an seo tha feàrna, darach agus uinnseann. Ma leanas tu ort a dh’ionnsaigh Leitir Fura, tha an seann rathad dròbhaidh a’ falbh bho rathad nan carbadan (a tha glaiste ach a-mhàin do charbadan Coimisean na Coilltearachd). Bhiodh na dròbhairean a’ toirt an cuid sprèidh air an rathad sin gu ruige Caol Readha. Aig Caol Readha, nuair a bhiodh an tìde-mhara freagarrach, bhiodh na dròbhairean a’ snàmh an cruidh thar a’ chaolais gu ruige Gleann Eilg. Tha an rathad a’ briseadh a-mach às a’ choille agus ’s ann an uair sin a gheibhear seallaidhean àlainn de bheanntan Chnòideirt.
’S iongantach mura robh muinntir Leitir Fura an sàs ann an dròbhaireachd. Gu cinnteach, bha iad an sàs ann an cùl-mhùtaireachd – a rèir aithris, de ruma, agus branndaidh à Portagail. Tha dùil cuideachd gun robh iad a’ dèanamh gual-fiodha de na craobhan anns a’ choille timcheall orra.
Nuair a ruigeas tu Leitir Fura, tha tobhtaichean gu leòr ann. ’S e baile susbainteach a bh’ ann le suas ri dusan taigh.
Tha pìos bàrdachd air a ghlèidheadh bho na seann làithean nuair a bha Clann ’ic Aonghais a’ fuireach ann an Leitir Fura: Hó ìrean ó ro bha hó, Is mithich dhuinn è mo nighean donn, Is mithich dhuinn a dhol dachaigh, Tha sinn fad air ar cèilidh, A thoirt ar n-aghaidh air Muile, À Leitir Fura nan geugan…
Ach dè tha Leitir Fura a’ ciallachadh? Bheir sinn sùil air sin an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
Is mithich dhuinn è: we’d better rise.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 30 Aug 2013 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 31 Aug 2013 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Sep 2013 14:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.