Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 6

Episode 6 of 6

Air chuairt a' comharrachadh beatha Iain Muir; Albannach, eòlaiche-nàdair is -àrainneachd. In celebration of John Muir, Scottish-born American naturalist and environmentalist.

Rugadh Iain Muir ann am baile Dhùn Barra ann an Lodainn an Ear, sa bhliadhna 1838. B' e an treas leanabh ann an teaghlach de dh'ochdnar a rugadh do Daniel Muir agus Anna Gilrye. Bhe e follaiseach bho bha e na leanabh òg, gur e balach ionnsaichte a bh'ann an Iain Muir, agus gu robh ùidh mhòr aige ann an nàdar, san àrainneachd agus san t-saoghal mu chuairt air.
Nuair a bha e 11 bliadhna a dh'aois, rinn an teaghlach imrich a dh'Ameireagaidh, gu Wisconsin. 'S ann an sin a chaidh Iain dhan oilthigh agus a leudaich an ùidh aige ann luibh-eòlas, gnothaichean nàdair agus saidheans.
Cha robh e riamh na thàmh, a' falbh raointean is fàsaichean Ameireagaidh gun sguir. Thàinig e gu aire àrd luchd-politigeach nan Stàitean agus b' e bha mar mheadhan air gun deach Pàircean Nàiseanta a stèidheachadh san dùthaich.
Bhàsaich Iain Muir ann an 1914 aig aois 76. Bha e na dhuine dha-rìreabh ainmeil ann an Ameireagaidh agus tha chun a' là 'n-diugh.
Anns an t-sreath seo, bha Murchadh MacLeòid agus Dòmhnall Dòmhnallach - dithis a tha eòlach agus deidheil air a bhith coiseachd - a' leantainn Slighe Iain Muir tro sgìre Lodainn an Ear.
Bha iad a' ruith air sgeulachd a bheatha agus a' toirt dhuinn an sealladh fhèin air an àrainneachd, an sgìre, na bailtean agus na costaichean a bhrosnaich Muir na bhalach òg.
Tha an t-slighe a' ruith bho Dhùn Ghlais, deas air Dùn Barra gu ruige Baile nam Feusgain, taobh a-muigh Dhùn Èidinn.
Thadhail iad air an taigh anns na rugadh e, a tha an-diugh na thaigh-tasgaidh, agus choinnich iad ri feadhainn air an t-slighe a tha fuireach anns a' sgìre agus aig a bheil ùidh ann an sgeulachd Iain Muir.

An-diugh, tha 'd air an sgrìob mu dheireadh dhen chuairt an cois Nèill MhicGriogair. Tha 'd a' ruighinn Tèarmann Nàdair Bàgh Obar Lìobhaite. B' e a' chiad tearmann nàdair ionadail a chaidh a stèidheachadh am Breatann, agus bha athair Nèill gu mòr an sàs ann. Às a sin, tha 'd a' coinneachadh, anns an dol seachad, ri Pàdraig MacChoinnich aig cladach Cuil Choinnich agus Port Seton. Tha Pàdraig air a bhith an sàs san iomairt airson bratach ùr a chruthachadh, a tha comharrachadh turas a' Phrionnsa Teàrlaich tro Alba agus batal Sliabh a' Chlamhain ann an Lodainn an Ear. Tha a' chuairt an uairsin a tighinn gu crìch ann am Baile nam Feusgan, taobh a-muigh Dhùn Èidinn.

Tha an t-sreath a' comharrachadh 100 bliadhna bhon a bhàsaich Iain Muir. Chaidh a chlàradh ann an 2013 agus chaidh Slighe Iain Muir a leudachadh gu ruige Bail' Eilidh air a' chost an iar sa Ghiblean 2014. 'S ann à Bail' Eilidh a sheòl teaghlach Muir a dh'Ameireagaidh.

30 minutes

Last on

Sun 15 Jun 2014 13:00

More episodes

Previous

Next

You are at the last episode

See all episodes from Slighe Iain Muir

Clip

Broadcasts

  • Mon 2 Sep 2013 13:30
  • Mon 2 Sep 2013 22:00
  • Sun 8 Sep 2013 13:00
  • Mon 9 Jun 2014 13:30
  • Mon 9 Jun 2014 22:00
  • Sun 15 Jun 2014 13:00

Gallery