
03/09/2013
Obair carthrannais Anneline Ingram còmla ri WEC International ann am Burkina Faso. Featuring Anneline Ingram and her family's work with WEC International in Burkina Faso.
Bha Anneline Ingram 's a teaghlach fad mìos ann am Burkina Faso ann an Afraga an Iar ag obair airson a' bhuidhean charthannais chriostail WEC International.
Thug Aonghas MacLeòid sùil air an dealbh-chluich Dunsinane. Tha an traidseadaidh aig Shakespeare a' crìochnachadh gu bheil a h-uile cà il gu bhith ceart gu leòr ann an Rìoghachd ùr Malcolm. Ach tha an dealbh-chluich aig David Greig a sealltainn nach eil cà il cho sìmplidh ris an sin ann an Alba. An toiseach bha an rèisim aig Malcom caran cugallach agus feumach air taic bhon arm Shasannach a bha air briseadh a-steach le Seward à Northumbria air an ceann. Agus ged nach eil e fhèin air ainmeachadh, tha e marbh 'san dealbh-chluich, ach tha Gruach bean MhicBheatha fhathast beò agus tha i fhèin agus taigh Mhoireabh dhen bheachd gur e am balach aice bhon a' chiad phòsadh a bu chòir a bhith air an rìgh-chathair.
Agus tha Dòmhnall Moireach a' cuimhneachadh air an fhear-ealain Albannach John Bellany a' chaochail an t-seachdainn sa chaidh aig aois trì fichead sa h-aon. Rugadh Bellamy ann am Port Seton ann an Lodan an Ear ann an 1942. B'ann bho theaghlach iasgairean a bha e.
Fear eile a chaochail aig an deireadh sheachdain, David Frost a bha trì fichead 'sa ceithir bliadhna a dh'aois. Gheibh sinn beachd air na h-agallamhan aige, dha robh e cho ainmeil, bho Iain X Maciomhair.
Cèol bho The Vaccines, Haim agus Laura Veirs. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Tue 3 Sep 2013 12:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal