
An t-urr Coinneach Dòmhnallach
Seirbheis bho 1993 leis an Urr Coinneach Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba Loch Carran. Gaelic archive service from 1993 with Rev Kenneth MacDonald, Lochcarran Church of Scotland.
Rugadh an t-Urramach Coinneach Dòmhnallach anns an Fhaoilleach 1922. 'S ann à Garabost anns an Rubha ann an Leòdhas a bha an t-Urramach Dòmhnallach agus bha daoine eòlach air mar Kenny Bà n. Bha e na dheugaire aig à m an dà rna cogaidh agus chur e seachad trì bliadhna còmhla ris na Scots Guards ann am Breatainn agus san Roinn Eòrpa. Às dèidh sin chaidh e a dh'obair ann an Glaschu ach cha robh e riaraichte na chuid obrach, oir bha e faireachdainn gun robh e airson obair spioradail a dhèanamh. Chaidh e gu Colaiste Obar Dheathain airson cùrsa Diadhachd a dhèanamh agus às an sin chaidh e gu New College ann an Dùn Èideann.
'S e paraiste Shnìosoirt aig Eaglais na h-Alba san Eilean Sgiathanach a' chiad choitheanal a bh' aige, far na dh'fhuirich faisg air trì bliadhna deug. Phòs e Mairi MacIllEathain às an sgìre sin fhèin agus bha aon ghille agus triùir nighean aca .
Ann an 1978 ghluais iad chun na Comraich, far an robh paraiste na Comraich agus Loch Carrain a-nise air an cur còmhla fo chùram an aon mhinistear. Dh'fhuirich iad ann an sin gu 1993 nuair a leig e dheth a dhreuchd ach bha e fhathast a' searmonachadh ann am paraistean thall sa bhos aig à m là ithean-saora agus aig à m comanachaidh. Air sgà th a shlà inte b' fheudar dha sgur a shiubhail chun na deifir pharaistean.
Bha an t-Urramach Dòmhnallach ainmeil na shearmonaiche anns a' Ghà idhlig agus sa Bheurla agus bha guth seinn sònraichte aige a' cur a mach na loidhne. A rèir coltais bha ùidh mhòr aige ann an ceòl agus bhiodh e a' cluich a' mhelodeon na òige. Nuair a bha e na mhinistear anns a' Chomraich thug e an organ a-staigh dhan eaglais, rud a bha gu math annasach anns an sgìre sin aig an à m.
Bhà saich Mgr Dòmhnallach anns a' Mhà irt 2008.
Last on
More episodes
Broadcast
- Sun 27 Oct 2013 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal