
07/11/2013
An obraicheadh seòmraichean-dhrogaichean ann am Breatainn? Would drug-rooms work in Britain?
Tha na buill phà rlamaid ann an Taigh nan Cumantan fhathast a' faighinn cothrom snaoisean a ghabhail mas tèid iad a-steach gu coinneamhan. Chanadh cuid gur e cleachdadh caran seann-fhasanta a tha seo. Tha Peadar MacAsgaill air fear a bhios a' cleachdadh snaoisean gach là agus gheibh sinn a-mach bhuaithe carson tha e air cumail ris a chleachdadh seo agus dè cho furasta 's tha e a cheannach? Bheir an Dotair Sarah Marr mìneachadh dhuinn am faodadh e cron a dhèanamh air ar slà inte agus gheibh sinn beachd bho Iain MacLeòid a bh'à bhaist a bhith air a' phoileas am bu chòir dha a bhith laghail fhathast?
Tha coltas ann gu bheil seòmraichean-dhrogaichean air a bhith soirbheachail ann an dùthchannan eile. Seo seòmraichean far am faod daoine a dhol ann airson drogaichean a ghabhail ann an à ite sà bhailte. Tha sinn a' foighneachd am bu chòir leithid a rud fheuchainn ann am Breatainn?
Tha oidhirp ga dhèanamh a-nochd ann an Dùn Èideann ar n'aire a tharraing gu suidheachadh a tha a' coinneachadh ris na mìltean air feadh na duthcha gach oidhche. 'S e sin a bhith gun dachaigh. Tha daoine a' dol a chuir an oidhche seachad air an t-srà id ach dè a bhuannachd a tha an sin agus carson nach eil mothachadh againn air na duilgheadasan th'aig mòran fad na tìde? Gheibh sinn beachdan bho dhithis aig a bheil fèin-fhiosrachadh air na suidheachaidhean a tha seo a thaobh a bhith ag òbair còmhla ri daoine aig nach eil no nach robh dachaighean. 'S iadsan Doneil MacLeòid agus Dòmhnall Iain MacRath.
Tha Dòmhnall MacLeòid a' leantainn leis an t-sreath far a bheil e a' toirt sùil air an Soillseachadh Albannach agus an an-diugh tha e a' mìneachadh air cà ite an robh Alba a'seasamh aig toiseach na h-ochdamh lìnn deug. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 7 Nov 2013 09:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 7 Nov 2013 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal