Main content
Sorry, this episode is not currently available

29/11/2013

Na rinn a' ghrian milleadh air rionnag an earbaill, Ison, a-raoir? Did comet Ison survive its encounter with the sun last night?

Cluinnidh sinn bho Dhòmhnall Iain Dòmhnallach mun a' bhuaidh a bh' aig a' ghrian air rionnag an earbaill, Ison, a-raoir, nuair a thàinig iad cho faisg air a chèile 's a tha iad a-riamh air a bhith.

Tha cha mhòr fichead bliadhna bho sgrìobh Helen Fielding an leabhar mu dheireadh mu Bhridget Jones. Ach tha i air ais, 's an treas leabhar ann an sreath Bridget Jones, Mad About the Boy, air nochdadh. Tha Marie NicMhathain air an leabhar a leughadh, ach a bheil i toilichte gun chuir Helen Fielding crìoch air sgeulachd Bridget Jones?

A-rèir rannsachadh ùr, a ghabhas leughadh san New England Journal, thathas ag ràdh gum biodh sinn beò nas fhaide nan itheadh sinn cnothan gach là san t-seachdain. Mìnichidh Lilian NicDhòmhnaill, eòlaiche-bìdh, dè am maitheas a gheibh sinn à cnothan.

Agus còmhla ri Cathy fad a' phrògraim, a' toirt sùil air naidheachdan an là, bidh Màiri Alice Bartlett.

Am measg a' chiùil tha Avicii, Foxes agus Arlissa. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 57 minutes

Last on

Fri 29 Nov 2013 12:03

Broadcast

  • Fri 29 Nov 2013 12:03