Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Tormod MacÌomhair a bha na mhinistear aig Eaglais na h-Alba, air an Tairbeart Religious service with retired minister Rev Norman MacIver, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 98, 1-2 air fonn Martyrdom, os cionn na seinn bha Lachlainn MacDhùghaill le taic bho choitheanal Eaglais Uibhist a Tuath
Salm 65, 4-5 air fonn St David, os cionn na seinn bha an t-Urr Seumas Domhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost
Salm 145, 10-13 os cionn na seinn bha Seonaidh MacSuain le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart .

Leughadh: Lucas 23: 33-46
Ceann-teagaisg: Lucas 23: 42

'S ann do sgìre Shiadair san Rubha a bhuineas Mgr MacÌomhair. Ghluais e a Ghlaschu nuair a bha e ochd bliadhna deug agus bha e ag obair ann an oifis airson còig bliadhna. Nuair a bha e mu bhliadhna ann an Glaschu thàinig atharrachadh na bheatha agus thòisich e a' leantainn beatha Chrìosdail.
Nuair a chaidh a ghairm chun na ministearalachd, bha aige ri dhol dhan cholaiste airson bliadhna airson deuchainn fhaighinn ann am foghlam aig àrd-ìre. Às dèidh sin bha cùrsa diadhachd de chòig bliadhna aige ri dhèanamh ann an Colaiste na Trianaid.
Phòs e fhèin 's a bhean, Catherine, ann an 1974 nuair a bha e deiseil dhan trèanadh aige. Rinn Mgr MacÌomhair dà bhliadhna na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Linlithgow mus deach a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire is Paibeil an Uibhist a Tuath.
Bha Mgr MacÌomhair na mhinistear san sgìre sin son còrr air deich bliadhna mus deach a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart ann an 1988, far an robh e chun an t-Samhainn 2011. Tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth agus a' fuireach ann an Inbhirnis.

Producer Angela MacKinnon.

30 minutes

Last on

Sun 1 Dec 2013 15:00

Broadcasts

  • Sun 1 Dec 2013 09:00
  • Sun 1 Dec 2013 15:00