
John Archie MacMillan
Iain Eà irdsidh Mac a' Mhaoilein le seirbheis shònraichte airson an Aidmheint John Archie MacMillan conducts a special service for Advent Season.
Rugadh agus thogadh Iain Eà irdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spà inn airson sia bliadhna. Thà inig e a-mach na shagart anns an Ògmhios, naoi ceud deug trì fichead 's a h-aon deug.
Bha e na shagart ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeidh. Bha Iain Eà irdsidh ag obair mar Oifigear Leigheis-Inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh daoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd là n-ùine a leigeil seachad.
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Bà nrigh le bhean, Mà iri, agus an dithis theaghlach, Harriet agus Mata. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith siubhal a-nall thairis, gu h-à raid dhan Eadailt far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bidh e ag èisteachd ri clà raidhean den chà nan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh - gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spà innteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh tòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghà idhlig.
Bidh Iain Eà irdsidh os cionn nan seirbheisean Gà idhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann uair sa h-uile sia gu ochd seachdainnean.
Anns an t-seirbhis cluinnidh sibh na laoidhean a leanas:
Nach Tig Thu Naomh Messiah, Magnificat, A Rìgh nan Dùl agus Adeste Fideles
Leughadh: Lùc 19 : 1-10.
Last on
Broadcasts
- Sun 15 Dec 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Dec 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal