
19/12/2013
Tha Dòmhnall MacSuain a' mìneachadh Farpais Ithe Guga a tha Club Socealta Nis a' cumail. Donald MacSween talks about the Guga Eating Championships being held at Ness Social Club.
Ma tha sibh seachd searbh de chearc fhrangach mas tig an ochdamh latha fichead den Dùbhlachd dè mu dheidhin pà irt a ghabhail ann am Farpais Ithe Guga a tha's a' cumail ann an Club Shòisealta Nis. Tha Dòmhnall MacSuain ag innse dhuinn mu dheidhinn an fharpais, na riaghailtean agus dè dìreach na bhios ann de ghuga air na truinnsearan?
Chaidh Katie Mhoireach a choimhead air dealbh-chluich stèidhichte air an leabhar ainmeil aig Dickens - A Christmas Carol. A bheil an dealbh-chluich cho tarraingeach leis an leabhar a tha a' comharrachadh ceud, tri fichead 's a deich bliadhna aig an à m seo? Feumaidh sibh èisteachd.
Tha Victoria Kilgrour, John Neil Dòmhnallach agus Mà iri NicMhathain a' beachdachadh air na filmaichean a b'fheà rr a-nochd am bliadhna. Tha iomadh nòs-film ri sgrùdadh agus 's cinnteach gum bi beagan deasbad ann cuideachd.
Agus tha Murchadh Moireasdan air ais uair eile le cunntas air dè a chì sinn air ÃÛÑ¿´«Ã½ ALBA air an t-seachdain a tha romhainn.
Am measg a' chiùil cluinnidh sibh na Killers, Arctic Monkeys agus Haim. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Thu 19 Dec 2013 12:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal