
26/12/2013
Tachartas ciùil ann an Ìle, Blà r Trà igh Ghruineart bho bhà rdachd Uilleam MacDhùnlèibhe. The musical event, Blà r, inspired by William Livingstone's poem Blà r Traigh Ghruineart.
An-diugh ath-chraoladh de phrògram sònraichte bho thachartas mòr ciùil ann an Eilean Ìle, Blà r, a bha air a' bhrosnachadh leis a' bhà rdachd aig Uilleam MacDhùnlèibhe, Blà r Trà igh Ghruineart. Tha a' bhà rdachd mu dheidhinn batal ainmeil ann an Ìle - Blà r Trà igh Ghruineart - ann an 1598 eadar Clann MhicIlleathain, le Lachlainn Mòr MacIlleathain à Dùbhairt an aghaidh Dòmhnallaich Ìle, le Sir Seumas Dòmhnallach Dhùin Naoimheig air an ceann-san. B'e adhbhar a' bhlà ir conas mu shealbh tìrean ann an Ìle, agus chuir sin gu sabaid dithis a bha dlùth an cà irdeas, agus a bha cudromach ann an eachdraidh Alba. Bha co dhiù ceud agus da fhichead neach air an à rd ùrlar eadar leughadairean agus luchd ciùil às an Eilean fhèin, nam measg còmhlan pìoba Ìle, còisirean an Eilean air fad, còisirean nan sgoiltean agus luchd ciùil tradiseanta Ìle. Chaidh an ceòl a stiùireadh le Clare Jordan agus chaidh Blà r a riochdachadh le Iseabail Nic an t-Sagairt. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Boxing Day 2013 09:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Boxing Day 2013 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal