
Rev Hugh Stewart - COS
Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheà rnaraigh Service conducted by Rev Hugh Stewart, Church of Scotland Parish of Uig and Bernera.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus leughaidhean a leanas:
Salm 65: 1-2 air fonn Kilmarnock le Dòmhnall MacAmhlaigh os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais Chuimhneachaidh Rois ann an Dail Mhoire.
Salm 102: 13-14 air fonn Morven le Calum Mà rtainn os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho Choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 65: 4-5 air fonn St David leis An Urr Seumas Dòmhnallach os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho Choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Tha na leughaidhean a' tighinn bho Leabhar an Taisbeanaidh 4:1-8 agus 7: 9-17
Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a' leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eileanan agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a' leantainn na dreuchd ùir aige.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheà rnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th'ann a thaobh meud na sgìre agus à ite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba. 'S ann taobh a-staigh a' choitheanail a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh à ite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh seirbheisean comanachaidh mun à m sin.
Phòs Mgr Stiùbhart agus Joanne Mhoireach, an seinneadair, anns a' Ghiblein an uiridh.
Last on
More episodes
An t-Urr. Ùisdean Stiùbhart

An t-Urr. Ùisdean Stiùbhart is a bhean, Joanne

Broadcasts
- Sun 19 Jan 2014 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Jan 2014 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal