
An t-Urr Iain Moireasdan, an Eaglais Shaor Leantainneach
Seirbheis bho 2002 còmhla ris an Urr Iain Moireasdan, an Eaglais Shaor Leantainneach 2002.
Gaelic archive service from 2002 conducted by Rev John Morrison, Free Church Continuing.
Anns an t-seirbheis, cluinnear na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 72: 1-3 air fonn London New le Dòmhnall Iain Moireasdan os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.
Salm 31: 23-24 air fonn Bangor le Tormod MacIllÃŒosa os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Chille-Mhoire san Eilean Sgitheanach.
Salm 106: 4-5 air fonn Glencairn le Calum MacSuain os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Soisgeul Eòin 6: 26-28
Ceann-teagaisg: Eòin 6: 26-28
Rugadh agus thogadh an t-Urr Iain Moireasdan ann an Eilean Bheà rnaraigh far an robh athair na mhiseanaraidh. Bha seachdnar anns an teaghlach aca, còignear nighean agus dithis bhalach. Bhà saich athair ann an 1944 agus thill an teaghlach a Sgalpaigh.
Às dèidh an sgoil fhà gail chaidh Mgr Moireasdan a dh'obair a Ghlaschu agus chaidh e an uairsin air cùrsa einnseanaireachd gu Colaiste Stow airson dà bhliadhna. Chuir e seachad dà bhliadhna aig muir agus thill e air ais a Steòrnabhagh far an do chur e air chois gnìomhachas einnseanaireachd aig Eilean nan Gobhar.
Chaidh iompachadh ann an 1966 tro mhinistrealachd an Urr Iain Moireasdan a bha aig an à m sin os cionn choitheanal Chrois ann an Nis. Chaidh Mgr Moireasdan air ais a Ghlaschu agus gu Oilthigh Ghlaschu agus an uairsin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson dreuchd na ministrealachd a thoirt a-mach.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire anns a' Ghearastan ann an 1975. Dh'fhuirich e an sin gu 1992 nuair a chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist. Ann an 1999 chaidh a phòsadh ri coitheanal Chille Mhoire gus an do nochd sgaradh anns an eaglais ann an 2000. Dh'fhuirich Mgr Moireasdan ann an Cille Mhoire far an do thog iad eaglais ùr a dh'fhosgail ann an 2006 airson coitheanal na h-Eaglaise Saoire Leantainnich anns an sgìre.
Leig Mgr Moireasdan dheth a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal ann an 2010 agus ghluais e a dh'Inbhirnis.
Last on
An t-Urr Iain Moireasdan

Broadcasts
- Sun 26 Jan 2014 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Mar 2019 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Jan 2025 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal