
25/02/2014
A' comharrachadh leth cheud bliadhna bho choisinn Muhammed Ali Crùn Bocsaidh na Cruinne. Marking the 50th anniversary of Muhammed Ali's first World Championship win.
Tha leth-cheud bliadhna an-diugh fhèin bho choisinn Muhammed Ali Crùn Bocsaidh na Cruinne ann am Miami. Tha sinne an-diugh a' beachdachadh air an duine agus an tà lant a bh'aige còmhla ri feadhainn a tha gu math dèidheil air an spòrs - Alick Moireasdan, Dan Moireach, Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir agus Daniel Selfridge.
A bheil sinn a' cuir cus uallach air innealan airson a bhith gar stiùireadh bho à ite gu à ite nuair a tha sinn air an rathad mhòr no aig muir agus dè a' bhuaidh a tha sin a toirt air an eanchainn? A' còmhradh tha Murchadh Caimbeul, Calum MacNèill, Lachie Macleòid agus Tormod MacChoinnich.
Tha Geamannan Oilimpigeach a' Gheamhraidh ann an Sochi air a' thighinn gu crìoch ach am bi iarratas aig luchd turais a-dhol dhan Ruis as an dèidh? Gheibh sinn molaidhean dè na sgìrean as fhiach tadhal orra bho thrìuir a tha eòlach air an dùthaich - Daibhidh Byrne, Veronica Shushpanova agus Andreas Wolfe. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 25 Feb 2014 09:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 25 Feb 2014 21:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal