
Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - Caoch Daisy
Seanchasan mu bheatha thrà th ann am Beà rnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. Psychologist Donald Macleod tells tales from his childhood in Bernera, Lewis.
"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thà inig e. Tha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheà rnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu à m nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceusnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.
'S e sgeulachd dhuilich a th' aig Dòmhnall a seo, agus bò na dachaigh air a leòn agus cha robh cà il air a son ach a marbhadh agus feum a dhèanamh dhith dhan teaghlach. Bha Dòmhnall 's an teaghlach gu math ceangailt' ri Daisy agus bha na thachair cianail dhan a h-uile duine bha staigh agus dhan cheann-baile gu lèir.
Last on
Broadcasts
- Fri 14 Mar 2014 11:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 15 Mar 2014 10:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Mar 2014 13:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 31 Dec 2014 17:10ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 9 Sep 2019 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 9 Sep 2019 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Sep 2019 13:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 3 Jan 2023 17:10ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal