
Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - Christmas
Seanchas mu aon Nollaig ann am Beà rnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. A Christmas tale from his childhood in Bernera, Lewis as told by psychologist Donald Macleod.
"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thà inig e. Bha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheà rnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu à m nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceasnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.
Anns an sgeulachd seo tha Dòmhnall ag innse mar a theab nach tà inig Nollaig dhan taigh aca idir aon bhliadhna.
Last on
More episodes
Dòmhnall le granaidh

Broadcasts
- Fri 28 Mar 2014 11:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 29 Mar 2014 10:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Mar 2014 14:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Christmas Eve 2014 17:10ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 23 Sep 2019 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 23 Sep 2019 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Sep 2019 13:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Christmas Day 2022 11:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal