Main content
Sorry, this episode is not currently available

28/03/2014

A' comharrachadh Là na Màthraichean còmhla ri Shona Nic a' Phiocair. bbc.co.uk/aileag. Aileag marks Mother's Day with Shona MacVicar.

An t-seachdain 'sa tha Aileag a' comharrachadh Là nam Màthraichean còmhla ri Shona Nic a' Phiocair.

Tha Ceit Langhorne air a bhith a' rannsachadh eachdraidh an là agus a' faighinn a-mach dè a bhios clann aig a bheil màthraichean ainmeil ris air an latha sin. Cluinnear cuideachd teachdaireachd bho nigheanan is balaich à Bun-sgoil a' Phluic.

Tha Shona a' faighinn a-mach dè an dreuchd a chòrdadh ri Seumas MacAonghais à Bùn-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a dhèanamh nuair a dh'fhàsas e mòr.

Anns an t-sreath mu bheathaichean a tha dùsgadh bho chadal a' geamhraidh, tha Isabelle air ais agus i air a bhith a' rannsachadh mu Ialtagan.

Mar a bhios cuid agaibh air a chluinntinn anns na naidheachdan tha cùisean air bhith gu math cugallach ann an sgìre Chrimea. Ach bha Cogadh a' Chrimea anns an naoidheamh linn deug, ainmeil airson an obair a rinn am banaltram Florence Nightingale. Rinn ise adhartas mòr a thaobh na modhan mhediceach a bha's a' cleachdadh ann a bhith a' coimhead as dèidh saighdearan leòinte. Air sgàth's a h-obair choisinn i an t-ainm Lady of the Lamp. Tha Shona air a bhith a' rannsachadh a h-obair agus a beatha. bbc.co.uk/aileag.

57 minutes

Last on

Sat 29 Mar 2014 12:03

Clip

Stuart Urqhuart

Stuart Urqhuart
Stuart Urquhart, cluicheadair ball-coise do Coventry City.

Broadcasts

  • Fri 28 Mar 2014 16:03
  • Sat 29 Mar 2014 12:03