
22/04/2014
Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig à m bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment.
Leis an naidheachad gu bheil an à ireamh de dhaoine a tha a' fulang leis an t-seòrsa aillse craicinn as cunnartaiche air a dhol an à irde gu mòr bho na seachdadan, tha an Dotair Alasdair Moireasdan a' toirt fiosrachach agus comhairle.
Bha cuirm chiùil aig UB40 anns na naidheachdan an t-seachdain sa chaidh seach gun do dh'fhà g luchd-leanntain a' chuirm agus iad a' gearain gu robh cus fuaim ann - bha aon bhoireanach a' gearain gu robh fuil a' sileadh às na cluasan aice. Tha Mìcheil Hill a' beachdachadh.
Tha Muireann Kelly air a bhith a' coimhead a' film Calvary a tha ri fhaicinn anns na taighean-deilbh an drà sta. Tha a' film air a sgrìobhadh agus an stiùireadh le John Michael McDonagh. Tha Brendan Gleeson a' cluiche a' phrìomh charactar, Father James Lavelle. Aon latha, tha a bheatha a tighinn ann an cunnart fhads a tha e a' dèanamh èisteachd chuideiginn agus tha cumhachdan an dorchadais a dùnadh a-steach air.
Tha sgioba ball-coise chaileagan à Sgoil MhicNeacail a' cluich anns a' chuairt dheireanach de Sgiath TSB Alba a-mà ireach - gheibh sinn facal orra an latha ro là imh, agus iad a' deasachadh ma choinneamh falbh. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Tue 22 Apr 2014 12:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal