
An t-Urr Eachann Moireasdan - Eaglais na h-Alba 1995 - 2/2
2/2. Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Eachann Moireasdan bho 1995. Gaelic archive service from 1995 conducted by Rev Hector Morrison, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 9: 1-2 air fonn Montrose agus 's e Murchadh MacLeoid a tha os cionn na seinn agus Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e Aonghas Domhnallach a tha os cionn na seinn. Chaidh na sailm an clà radh ann an Seminaraidh na h-Eaglaise Saoire ann a Steòrnabhagh.
Salm 133: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Uilleam Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Leughadh: Eòin 17: 9-23
Ceann-teagaisg: Eòin 17: 11
Rugadh Eachann Moireasdan ann an 1955 ann an Steòrnabhagh. 'S ann à Grabhair a bha a phà rantan - bha athair na bhreabadair agus 's e banaltram a bha na mhà thair. Bha ceathrar bhalach anns an teaghlach aige agus b' e an dà rna duine bu shine.
Chaidh Mgr Moireasdan a Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu dhan oilthigh ann an 1973. Cheumnaich e ann an 1976 agus mar phà irt den trèanadh aige airson na ministrealachd cheumnaich e a-rithist ann an 1980.
Phòs Mgr Moireasdan agus a bhean, Annice NicIllinnein, ann an 1981. Chaidh Mgr Moireasdan a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige san Dùbhlachd 1981. Chuir e seachd naoi bliadhna na mhinistear air coitheanal Bharabhais agus rugadh dithis mhic dhaibh aig an à m sin, Neil agus Ruaraidh. Dh'ionnsaich Mgr Moireasdan a' Ghà idhlig nuair a bha e ann am Barabhas agus thòisich e air searmonachadh sa chà nan.
Ann an 1990 ghluais iad a Loch Aillse - b' e a' chiad ministear a bha air a' choitheanal sin. Rugadh an treas leanabh nuair a bha iad ann an Loch Aillse - 's e Cailean a thug iad air. Cho fad 's a bha Mgr Moireasdan na mhinistear aig Eaglais na h-Alba, bha e na bhall air iomadach comataidh. Ghluais iad à Loch Aillse ann an 1994 nuair a thòisich e fhèin agus feadhainn eile a' cur air chois ionad Diadhachd na Gà idhealtachd.
'S e Maighstir Moireasdan, cuide ris an Ollamh Anndra McGowan, a bha gu mòr air cùlaibh Ionad Diadhachd na Gà idhealtachd, a chaidh a stèidheachadh ri taobh Colaiste Mhoireibh, a chur air chois. Bha an t-ionad mar phà irt de dh'ionadan is colaistean a bha air an stèidheachadh fo bhratach Oilthigh na Gà idhealtachd.
Thòisich iad ann an ionad beag ann an 1994 ri taobh Colaiste Mhoireibh agus chaidh à ite nas motha a thoirt dhaibh aig a' cholaiste ann an ùine gu math goirid. Aig toiseach 1999, ghluais iad gu ionad gu math nas motha ann an Inbhir Pheofharain, far a bheil iad a-nise neo-eisimeileach bho Cholaiste Mhoireibh agus an togalach fhèin aca. Dh'atharraich iad an t-ainm gu Colaiste Diadhachd na Gà idhealtachd.
Ghabh Mgr Moireasdan thairis obair Prionnsapal na Colaiste ann an 2009.
Last on
An t-Urr Eachann Moireasdan

Broadcast
- Sun 15 Jun 2014 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal