
An t-Oll Urr Dòmhnall MacLeòid
Seirbheis còmhla ris an Oll Urr Dòmhnall MacLeòid, nach maireann, bho 2003. Gaelic religious archive service conducted by the late Prof Donald MacLeod in 2003.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 12-13 agus 's e Dòmhnall Dòmhnallach a tha os cionn na seinn agus Salm 118: 11-12 le Alasdair Greumach os cionn na seinn. Chaidh na sailm a chlà radh ann an Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 30: 11-12 air fonn London New agus 's e Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh.
Leughadh: Eòin 8; 25-36
Ceann-teagaisg: Eòin 8: 32
Chaochail an t-Ollamh Urramach Dòmhnall MacLeòid aig aois 82 na dhachaigh ann an Dùn Èideann air 21 den Chèitean 2023.
Bha cliù aige mar shearmonaiche, mar sgoilear agus mar sgrìobhaiche air leabhraichean diadhachd agus cuideachd air cùisean là itheil ann an colbhan sna pà ipearan-naidheachd.
Rugadh an t-Ollamh Urramach Dòmhnall Macleòid ann an Tà bost, Nis, Eilean Leòdhais, ann an 1940. Ghluais an teaghlach a Lacasdal, faisg air Steòrnabhagh ann an 1945 agus b' ann ann an sin a chaidh e dhan bhun-sgoil agus an uair sin gu Sgoil MhicNeacail. Cheumnaich Dòmhnall à Oilthigh Ghlaschu 's an uairsin à Colaiste na h-Eaglaise Saoire, 's chaidh a phòsadh ri coitheanal Chill Mhà illidh ann an 1964 far a robh e gu 1970. Bha e an uairsin na mhinistear ann am Partick Highland ann an Glaschu gus an d'fhuair e obair an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1978. Bha e a' teagasg Diadhachd agus fhuair e dreuchd Prionnsapal na Colaiste ann an 1999 agus bha e an sin gus an do leig a dheth a dhreuchd. Bha e na neach-deasachaidh air iris-oifigeil na h-Eaglaise Saoire - The Monthly Record - eadar 1977 agus 1990.
Bha e pòsta aig Mà iri à Siabost agus bha triuir bhalaich aca.
Last on
An t-Oll. Urr. Dòmhnall MacLeòid

Broadcasts
- Sun 22 Jun 2014 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Sep 2020 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Oct 2021 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Jun 2023 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Jun 2024 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal