Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Dòmhnall MacLeòid, Eaglais Shaor Sràid nan Granndach

Còmhla ris an Urr Dòmhnall MacLeòid, Eaglais Shaor Sràid nan Granndach, Glaschu 1994. Gaelic archive service conducted by Rev Donald MacLeod, Grant Street Free Church Glasgow 1994.

Anns an t-seirbheis cluinnear na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 139: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Iain Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 66: 17-19 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.

Leughadh: Eòin 4: 11-30
Ceann-teagaisg: Eòin 4: 28-29

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Macleòid anns an Eilean Sgitheanach ann an 1931. Às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a dh'Oilthigh Dhùn Èideann 's a dh'Oilthigh Chill Rìmhinn far an do cheumnaich e mar fhiaclair. Chuir e seachad mòran bhliadhnachan ag obair anns na sgoiltean air iomall Inbhir Nis. Thàinig atharrachadh na bheatha ann an 1959 's an dèidh deich bliadhna chaidh e do Cholaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd na ministrealachd a leantainn. Bha e na mhinistear ann an Loch Bhraoin airson ochd bliadhna 's às dèidh sin ann an Glaschu. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1999 agus ghluais e a dh'Eilean Arain. Tha e pòst' aig Fiona 's tha ceathrar mhac 's naoinear oghaichean aca.

30 minutes

Last on

Sun 16 Jun 2024 21:00

An t-Urr Dòmhnall MacLeòid

An t-Urr Dòmhnall MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 6 Jul 2014 21:00
  • Sun 16 Jun 2024 21:00