Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Eachann MacCoinnich - Seirbheis a' comharrachadh ceud bliadhna bhon a thoisich An Cogadh Mòr

Seirbheis còmhla ris an Urr E MacCoinnich a' comharrachadh ceud bliadhna bhon thòisich An Cogadh Mòr. A service to commemorate 100 years since the outbreak of the First World War.

Seirbheis còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm agus e a' comharrachadh ceud bliadhna bhon a thòisich An Cogadh Mòr. Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean, salm agus na leughaidhean a leanas:

'Dèan Dhòmhsa Tuigse' le Donaidh M MacLeòid agus 'S e Iosa na Aonar' leis an Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.
Salm 107: 28-30 air fonn Kilmarnock agus 's e Seonaidh Mac a' Mhaoilein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Na fuinn 'The Bloody Fields of Flanders' air a chluich le Pìobairean Rìoghail na Banrigh agus 'Flowers of the Forest' air a sheinn air a' phìob le Màidsear na Pìoba Aonghas Dòmhnallach.
Na leughaidhean : Marcus13: 3-8 agus Leabhar an Taisbeanaidh 7: 9 & 14-16

Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh na phadre anns an Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ris na Highlanders is tha e a-nis ann an Colchester an Sasainn. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.
Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a' cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air a sin, bidh e ag iomain, a' streap nam beann nuair a bhios cothrom aige, agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus dualchas 's eachdraidh nan Gàidheal.
Tha e pòsta aig Sìne is tha dithis nighean aca, Aila agus Minni.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 3 Aug 2014 09:00
  • Sun 3 Aug 2014 15:00