Main content
Sorry, this episode is not currently available

09/09/2014

Beachd Victoria Kilgour air a' film ùr Before I Go to Sleep. bbc.co.uk/feasgar. Victoria Kilgour reviews the latest cinema release Before I Go to Sleep.

Tha Dòmhnall I Dòmhnallach a' fàidheadaireachd air na h-innealan ùr a tha Apple a' foillseachadh feasgar an-diugh. Saoil an iad as motha a thèid a reic anns na mìosan a tha romhainn.

Tha Victoria Kilgour a' dèanamh lèirmheas dhen film ùr Before I go to Sleep a tha stèidhichte air an leabhar aig S J Watson. Tha an sgeulachd mu dheidhinn Christine Lucas a bha ann an tubaist carbad a dh'fhàg i às aonais a cuimhne. A-nis, bliadhnaichean às dèidh na tubaist, tha a beatha gu math eadar-dhealaichte ann an dòigh gu math radaigeach, a' toirt oirre smaoineachadh a bheil fios aig duine sam bith dè a tha a'dol air adhart agus dè dìreach a thachair dhith.

Tha Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann dìreach air crìochnachadh, bha Fèis Leabhraichean an Eilean Sgiathanaich ann aig an deireadh sheachdain sa chaidh agus tha Fèis Leabhraichean Wigtown gu bhi ann aig deireadh na mìos seo. Marsin an e sin an t-àite as soirbheachail airson leabhar ùr fhoillseachadh agus dè an t-àm dhen bhliadhna as fheàrr air a shon? bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Tue 9 Sep 2014 12:03

Broadcast

  • Tue 9 Sep 2014 12:03