
03/10/2014
Tha Aileag a' comharrachadh 50 bliadhna den leabhar Charlie and the Chocolate Factory. Aileag marks 50 years of the book Charlie and Chocolate Factory. www.bbc.co.uk/aileag.
An t-seachdain 'sa air Aileag tha sinn a' comharrachadh leth cheud bliadhna bhon a sgrìobh Roald Dahl an sgeulachd èibhinn Charlie and The Chocolate Factory. Tha Allison air a bhith a' toirt suil mhionaidich air an sgeulachd agus na caractaran annasach mar Willy Wonka, Charlie Bucket agus na h-Oompa-Loompas. Cuideachd na facail mhiorbhuileach a chruthaich Roald Dahl mar Gloriumptious, Snozzcumber agus scrumdiddlyumptious.
Tha sinn an leantainn leis an t-sreath far a bheil sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bhon a thòisich a' Cheud Chogadh agus an t-seachdain 'sa tha Shona air a bhith a' toirt sùil air bà rdachd agus òrain mun a' chogadh mhòr ann an Gà idhlig.
Cuideachd aig à m a' Cheud Chogaidh chaidh mìle gu leth saighdear bhon Arm Bhreatannach a thoirt nam prìosanaich ann an Campa Groningen anns an Òlaind. Tha Isabelle air a bhith a' rannsachadh sgeulachd HMS Timbertown mar a bh'aca air a' champa.
Agus le dìreach seachdain ri dhol chun a' Mhòd Nà iseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis, thèid sinn air ais bliadhna airson feadhainn de na farpisich a bh'aig Mòd Rìoghail Phà islig an uiridh a chluinntinn a-rithist.
Am measg a' chiùil tha Ed Sheeran, The Script agus Calvin Harris. bbc.co.uk/aileag.
Last on
Clip
-
Aileag: Òrain Ghà idhlig agus bà rdachd a' Chiad Chogaidh
Duration: 11:47
Broadcasts
- Fri 3 Oct 2014 16:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 4 Oct 2014 12:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal