Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Graham Moireasdan

Seirbheis còmhla ri Graham Moireasdan, searmonaiche aig Eaglais Naomh Chaluim Chille, Glaschu 2014. Service conducted by G Morrison, lay preacher St Columba's Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, an laoidh agus na leughaidhean a leanas:

Salm 16: 5-8 air fonn Moravia agus 's e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.
Salm 16: 10-11 air fonn Stornoway agus 's e Dòmhnall Guinne a tha os cionn na seinn bho chlàradh de shailm a chaidh a dhèanamh ann an Nis ann an 1985.
Tha Fios Agam gu Bheil m' Fhear-saoraidh Beò air a sheinn le Màiri Mhoireasdan.

Leughadh: Salm 23
Ceann-teagaisg: Leabhar Iob 19:25

Rugadh Graham Moireasdan ann am baile Phartaic ann an Glaschu far an robh an teaghlach air an dachaigh a dhèanamh. 'S ann à baile Lìonail a bha athair, Tormod Aonghais Bhig, agus phòs e Edna a bhuineadh do sgìre Riddrie ann an Glaschu. Bha sianar anns an teaghlach, ceathrar bhalach agus dithis nighean agus 's e Graham an treas duine. Nuair a bha Graham beagan is bliadhna gu leth thàinig e a dh'fhuireach còmhla ri a sheanmhair agus piuthar-athar ann an Lìonail oir bha trioblaidean slàinte aige aig an àm.

Ghluais an teaghlach air fad air ais a Nis taobh a-staigh còig bliadhna ach dh'fhuirich Graham còmhla ri sheanmhair. Chaidh e dhan sgoil ann an Lìonail agus, mar a thuirt e fhèin, "Chan fhaighinn aiste luath gu leòr." Dà latha às dèidh dha an sgoil fhàgail bha e anceann a chosnaidh ag obair ann am bùth Lipton ann a Steòrnabhagh. Chaidh e an uair sin a dh'obair gu bùth mhòr eile sa bhaile, an Co-op, agus às dèidh sin chaidh e a dh'obair ann am bùth a bha reic peant is pàipear agus cho-dhùin e an uair sin a' bhùth aige fhèin fhosgladh a bha reic an dearbh stuth. Aig an àm sin cuideachd bha Graham gu mòr a sàs ann an Comann Eachdraidh Nis far an robh e na chathraiche air a' bhuidhinn agus cuideachd na chathraiche air comataidh creideimh aig a' bhuidhinn League of Friends aig na h-ospadail ann an Leòdhas.

Chur e a chùl ri obair anns na bùithean agus chaidh e a dh'obair mar neach-taic banaltraim ann an Ospadal a' Chounty ann an Steòrnabhagh. Fhads a bha e sin bha e cuideachd a' sàs ann an rèidio nan ospadal, a' cur air dòigh sheirbheisean is eile airson na h-euslaintich. Beagan mhionaidean mus do dhùin Ospadal a' Chounty airson an turas mu dheireadh ghabh e an ùrnaigh mu dheireadh anns an ospadal. Gu mì-fhortanach ghortaich Graham a dhruim agus le sin b' fheudar dha obair eile a lorg. Ghluais e a Ghlaschu far an robh e airson iomadach bliadhna ag obair saor-thoileach a' coimhead às dèidh dhaoine a bha gun dachaigh, a' sàs anns na soup-kitchens agus anns a' bhuidhinn Loaves and Fishes. Chaidh Graham air ais gu foghlam agus rinn e HNC ann an Cùram Sòisealta anns a' cholaiste agus an uair sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire far an do rinn e cùrsa ceithir bliadhna ann an Diadhaireachd agus fhuair e cuideachd teisteanas ann an cuspairean Crìosdail .

Bha Graham na shearmonaiche ann an Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu airson grunn bhliadhnaichean a' searmonachadh anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla. Tha e fhathast a' toirt taic dhaibhsan a tha gun dachaigh agus le trioblaidean sòisealta.

Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bidh e a' leughadh tòrr agus a' còcaireachd.

30 minutes

Graham Moireasdan

Graham Moireasdan
Graham Moireasdan, searmonaiche, Eaglais Naomh Chaluim Chille, Glaschu

Broadcasts

  • Sun 26 Oct 2014 09:00
  • Sun 26 Oct 2014 15:00
  • Sun 26 Jul 2015 09:00
  • Sun 26 Jul 2015 15:00
  • Sun 15 Oct 2023 09:00