
An t-Urr Calum Iain MacLeòid, ministear Eaglais Shaor a' Bhac ann an Leòdhas
Còmhla ris an Urr Calum Iain MacLeòid, ministear Eaglais Shaor a' Bhac ann an Leòdhas. Gaelic religious service conducted by Rev Calum I MacLeod, Back Free Church.
Chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal a' Bhac san Lùnastal 2010. Roimhe sin bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Bharabhais. Mus deach e steach airson na ministrealachd bha e na mhanaidsear air pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Geà rranan air taobh siar Leòdhais.
'S ann do dh' eilean Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain agus thà inig e gu bhith na Chrìosdaidh nuair a bha e trì bliadhna deug a dh' aois. Tha Calum Iain fada an comainn an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an à m, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.
Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca - caileagan air fad - Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh .
Salm 23: 5-6 air fonn Stornoway agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt
Salm 16:8-9 air fonn Kilmarnock agus 's e Calum Mà rtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh
Leughadh : Leabhar nan Salm - Salm 23, Salm 84: 5-7 & 11-12 agus Salm 121
Ceann-teagaisg - Salm 23:4.
Last on
An t-Urr Calum Iain MacLeòid is a' bhean Dina

An t-Urr Calum Iain MacLeòid, a' bhean Dina agus a' chlann-nighean Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh

Broadcasts
- Sun 2 Nov 2014 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Nov 2014 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal