
Episode 3
Dòmhnall Lach agus Calum a' Chal a' coiseachd rathad na beinne air an t-slighe gu baile Chleat. Donald Maclean and Calum macNeil walk the hill road to the village of Cleat.
Tha Calum agus Dòmhnall a' dèanamh an t-slighe gu baile Chleat air taobh an iar an eilein, ach chan eil iad a' gabhail an rathad mòr ach a' coiseachd Slighe na Ciste. Air an t-slighe tha iad a' dol seachad air Spòg an Deamhain agus a' tadhal air na h-uamhan a bh'anns an dealbh Whisky Galore. Tha iad a' coinneachadh ri muinntir a' bhaile cuideachd agus nam measg Mà rtainn Mac-a-Phì a ghluais còmhla ri theaghlach dhan bhaile sin agus a tha a' dèanamh beò-shlaint mar dhà ibhear. Tha Mà rtainn, mar a thuirt e fhèin, a' faicinn bòidhchead Bharraigh os cionn agus fo uachdar na mara na obair là itheil. Tha iad cuideachd a' coinneachadh ri Aonghas (neo Ang Mhol) agus a bhean Mà iri Lisa agus a' faighinn a-mach beagan mu eachdraidh agus gnìomhachasan a bh' anns a' sgìre bho chionn fhada. Tha iad a' crìochnachadh a' chuairt aca anns a' phrògram seo ann an Eaglais Chuithir, an eaglais aig an robh dlùth cheangal aig teaghlach Dhòmhnaill bho chionn fhada.
Last on
Broadcasts
- Tue 2 Dec 2014 12:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 2 Dec 2014 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Dec 2014 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 16 Aug 2018 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 16 Aug 2018 22:10ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Aug 2018 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal