
Episode 1
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Bidh Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain agus a' cluinntinn mun roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba sa phrògram.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. Each week he meets up with a learner to find out about their learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and ѿý archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 1
Duration: 56:08
-
Tar-sgrìobhadh: Tiugainn a Dhannsa
Duration: 01:21
-
Tar-sgrìobhadh: Dotair a' Chamara
Duration: 01:28
-
Tar-sgrìobhadh: Thuige Seo le Dòmhnall Meek
Duration: 01:59
Tar-sgrìobhadh: Thuige Seo le Dòmhnall Meek
Dòmhnall Meek: Chaidh mo thogail-sa le Gàidhlig, agus ’s e pàiste le Gàidhlig a bh’ annam. Bha m’ athair is mo mhàthair uabhasach moiteil às a’ Ghàidhlig, is gu sònraichte m’ athair, is bhiodh esan ag ràdh gur e Gàidhlig “an ite a b’ àirde nam bhonaid”, sin a bhiodh e ag ràdh. Seo balach a thàinig às an Eaglais Bhric, cuimhnich, agus ’s e Gàidhlig a bh’ againn san taigh.
Dòmhnall Moireasdan: Agus, an uair sin san sgoil.
Dòmhnall Meek: An sgoil. Uill, cha dìochuimhnich mise gu bràth a’ chiad latha a chaidh mi don sgoil. Bha e mar gun rachainn a-staigh do dh’uamh dhorcha far nach robh lasair grèine neo gath sam bith. Cha robh facal Gàidhlig ann. Bha a’ bhean-teagaisg againn, ’s ann às an Tairbeart, Tairbeart Loch Fìne a bha i, is cha robh aon fhacal Gàidhlig aice.
Dòmhnall Moireasdan: Agus an robh Beurla gu leòr agaibhs’ airson a tuigsinn?
Dòmhnall Meek: Cha robh. Bha beagan fhacail agam. Bha mo mhàthair ag ionnsachadh na Beurla dhomh mus deach mi don sgoil agus, oh cha robh e a’ còrdadh rium idir. Tha cuimhn’ agam fhathast mar a bhithinn a’ fàs gu math eagarra nuair a bhiodh mo mhàthair a’ toirt facal neo dhà den Bheurla dhomh. Bha mi ag radh, dè feum a th’ anns a’ Bheurla? Nì Gàidhlig an gnothach dhomhsa. Dh’fhalbh mi don sgoil a bha seo, is thèid mise an urras gun d’ fhuair mi Beurla an uair sin, obh obh! Tha cuimhne agam gu math air a’ chiad latha. Bha each againn aig an àm a bha sin, is chaill an t-each a’ chruidh, agus cha robh iad airson gun rachadh cruidh ùr a chur air an each, is bha iad a’ siubhal na cruidhe a bha seo. Is bha mise airson falbh còmhla ris na fìr, feuch am faigheamaid a’ chruidh a chaill an t-each. Agus bha mi ann a siud, glaiste am broinn na sgoile a bha seo, agus cha robh mi a’ cluinntinn ach Beurla. Agus an uair sin, bhithinn a’ tighinn a-mach às an sgoil, is bhithinn a’ cur rann mhionnan ris a’ bhean-teagaisg, smaointich, anns a’ Ghàidhlig! Bha feum air a’ Ghàidhlig uaireannan. Cha robh fhios aice-se dè bha mi ag ràdh is math nach robh neo gheibhinn an Tawse!
Dòmhnall Moireasdan: ’S dòcha gur e sin a thug miann air litreachas cho beò ann an Dòmhnall Meek anns na bliadhnaichean. Tha taing agaibh ri thoirt dhan a’ bhean-teagaisg.
Dòmhnall Meek: Oh , gu dearbha!
Tar-sgrìobhadh: Dotair a' Chamara le Paul MacCaluim
Tar-sgrìobhadh: Tiugainn a Dhannsa le Anne Souter
Oisean a’ Ghràmair 1: CHO (‘so’, ‘as’, ‘how’)
(i) cho: ‘so’
‘so good’ – cho math. Bha siud cho math!
‘so cold’ – cho fuar. Tha i cho fuar an-diugh.
‘so slow’ – cho slaodach. Carson a tha iad cho slaodach?
‘so friendly’ – cho laghach. Bha iad uile cho laghach!
(ii) cho...ri: ‘as...as’
e.g. ‘as big as a house’, ‘as fast as the wind’, ‘as happy as larry’:
cho mòr ri beinn ‘as big as a mountain’
cho luath ris a’ ghaoith ‘as fast as the wind’
cho sona ri bròig ‘as happy as a shoe’
cho toilichte ri luch ann an lofa ‘as happy as a mouse in a loaf’
cho tinn / bochd ris a’ chù ‘as sick / poorly as the dog’
cho salach ris a’ chù ‘as filthy as the dog’
cho sgìth ris a’ chù ‘as tired as the dog’
cho leisg ri seann chù ‘as lazy as an old dog’
cho laghach ris an òir ‘as kind as gold’
cho gòrach ris na faoileagan ‘as silly as the gulls’
cho coltach (ri chèile) ri dà sgadan ‘as alike (each other) as two herring’
cho mòr rium ‘as big as me’
cho àrd riut ‘as tall as you’
cho òg ris ‘as young as him’
cho èibhinn rithe ‘as funny as her’
(iii) cho...is a ghabhas: ‘as...as possible’
cho mòr ’s a ghabhas ‘as big as can be, as big as possible’
cho àrd ’s a ghabhas ‘as tall as can be, as tall as possible’
cho luath ’s a ghabhas ‘as soon as can be, as soon as possible’
cho luath ’s a : ‘as soon as’
cho luath ’s a ghabhas ‘as soon as possible’
Cho luath ’s a chunnaic iad mi, theich iad. ‘As soon as they saw me, they ran.’
Cho luath ’s a chluinneas mi, fonaidh mi. ‘As soon as I hear, I’ll phone.’
(iv) cho...is a : ‘how...!’
Seall cho luath ’s a tha iad!
‘Look how quick they are!’
Cha do thuig mi cho mòr is a bha iad.
‘I didn’t realise how big they were.’
Nach eil e iongantach cho àrd is a tha na craobhan seo!
‘Isn’t it amazing how high these trees are!’
cho luath ’s a tha iad ‘how quick they are’
cho mòr is a bha iad ‘how big they were’
cho àrd is a tha na craobhan‘how high the trees are’
Dè cho...is a?: ‘How...?
Dè cho luath ’s a tha iad? ‘How quick are they?’
Dè cho mòr is a bhitheas iad? ‘How big will they be?’
Dè cho àrd is a leum i? ‘How high did she jump?’
Criomag Gràmair 1
Bidh sibh eòlach mar-thà air na facail dhomh, dhut, is eile, mar eisimpleir:
’S urrainn dhomh - ‘I can’, no ’S aithne dhomh - ‘I know’
’S urrainn dhut ‘you can’
’S urrainn dha ‘he can’
’S urrainn dhi ‘she can’
’S urrainn dhuinn ‘we can’
’S urrainn dhuibh‘you can’ plural ( iolra)
’S urrainn dhaibh ‘they can’
Dhomh dhut dha dhi dhuinn dhuibh dhaibh
Ach cuimhnich gu bheil na facail sin, leotha fhèin, a’ ciallachadh ‘for me, for you, for him, for her’, ’s mar sin.
An dèan thu sin dhomh? ‘Will you do that for me?’
An dèan thu sin dhomh?
Nì mi dhut e.‘I’ll do it for you.’
Nì mi dhut e.
Nì mi rud sam bith dhaibh.‘I’ll do anything for them.’
Nì mi rud sam bith dhaibh.
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 22 Mar 2015 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 25 Mar 2015 12:03ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 25 Mar 2015 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Mar 2015 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Jul 2015 21:28ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Jul 2015 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Jul 2015 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Jul 2015 10:29ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Jan 2021 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Jan 2021 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Jan 2021 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Jan 2021 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.