Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t- Urr Dòmhnall MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach Eilean Arainn

Còmhla ris an Urr Dòmhnall MacLeòid bhon Eaglais Shaor Leantainneach ann an Eilean Arainn. Gaelic religious service conducted by Rev Donald MacLeod, Free Church (Continuing) Arran.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 1: 1-2 air fonn London New agus 's e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìde an Ear.
Salm 23: 4-5 air fonn Torwood agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh
Salm 73: 24-25 air fonn Stornoway agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.

Leughadh: Genesis 5: 15-24 agus Eabhraidhich 11: 1-6
Ceann-teagaisg: Genesis 5:24

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Macleòid anns an Eilean Sgitheanach ann an 1931. Às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a dh' Oilthigh Dhùn Èideann 's a dh' Oilthigh Naomh Anndra far an do cheumnaich e mar fhiaclair. Chuir e seachad mòran bhliadhnachan ag obair anns na sgoiltean air iomall Inbhir Nis. Thàinig atharrachadh na bheatha ann an 1959 's an dèidh deich bliadhna chaidh e a-steach do Cholaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd na ministrealachd a leantainn. Bha e na mhinistear ann an Loch Bhraoin airson ochd bliadhna 's às dèidh sin ann an Glaschu. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1999 ach bidh e toirt taic le bhith searmonachadh ann an Eilean Arainn bho àm gu àm. Tha e pòst' aig Fiona 's tha ceathrar mhac 's naoinear oghaichean aca.

30 minutes

An t-Urr Dòmhnall MacLeòid

An t-Urr Dòmhnall MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 11 Jan 2015 09:00
  • Sun 11 Jan 2015 15:00
  • Sun 23 Aug 2015 09:00
  • Sun 23 Aug 2015 15:00