
08/02/2015
Tha toimhseachan a thaobh na sìde aig Ruaraidh san litir aige do luchd-ionnsachaidh. Week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 508
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 812
Duration: 04:59
Litir 812: Breac na h-Aona Sùl’ ann an Coir’ na Ceannain
Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, thug mi tòimhseachan dhuibh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cailleach bheag a’ chòta bhà in,
  Mar as tighe thig i bhà n,
  ’S ann as fheà rr a laigheas i.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha mi an dùil gun robh sin furasta gu leòr. Sneachd, nach e? Còta bà n a bhios a’ laighe air ar dùthaich bho à m gu à m.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bidh sneachd gu leòr a’ laighe uaireannan air mullaichean nam beann. Agus bu mhath leam ur toirt an-drà sta gu beanntan Loch Abar. Ann am meadhan nam beann gu sear air a’ Ghearasdan, tha Stob Coir’ na Ceannain. Tha i eadar An Gearasdan agus Loch Trèig, deas air Drochaid Ruaidh, ann an sgìre a tha là n beul-aithris. ’S ann anns an sgìre sin a bha Dòmhnall MacFhionnlaigh nan Dà n a’ fuireach. Sgrìobh esan dà n ainmeil – Ã’ran na Comhachaig – aig deireadh an t-siathamh linn deug. Eun a dh’fhà sas cianail sean, a rèir beul-aithris. Bu mhath leam naidheachd innse dhuibh à s an sgìre sin, anns a bheil comhachag.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha Stob Coir’ na Ceannain a’ faighinn a h-ainm bhon choire – Coir’ na Ceannain. Anns a’ choire, tha lochan. ’S e an ainm mo sgeòil Breac na h-Aona Sùl’ ann an Coir’ na Ceannain.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha greis mhòr ann bhon a thachair seo. Tha e cho fada on a bha breac anns an lochan sin ’s gun robh Gà idhlig na h-eòin agus aig a h-uile rud a bha beò aig an à m sin. Canaidh cuid gu bheil Gà idhlig aig a’ bhrìdean agus aig an fhitheach is feadhainn eile fhathast. Ach, an uair sin, bha i aig a h-uile eun. Nuair a bha Gà idhlig aig na h-eòin, b’ e sin linn an à igh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha iolaire ann agus bha an latha uabhasach fuar. ‘Cha d’ fhairich mi riamh i cho fuar,’ thuirt i. ‘Ach thèid mi a-null a Shrath Oisein, thar a’ mhonaidh,’ thuirt i, ‘oir tha seann damh a’ fuireach sa mhonadh sin. Tha e gu math sean. Thèid mi ga fhaicinn, agus cuiridh mi a’ cheist air – “an d’ fhairich thu a leithid seo de dh’fhuachd riamh?â€â€™
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Thachair an iolaire ris an damh. ‘Nis, a charaid,’ thuirt an iolaire, ‘an d’ fhairich thu riamh a leithid seo de dh’fhuachd?’
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Cha d’ fhairich,’ thuirt e. ‘Cha d’ fhairich mi riamh a leithid de dh’fhuachd. Ach innsidh mi seo dhut, thalla sìos gu dachaigh na comhachaig. Tha mise ceithir fichead bliadhna ’s a deich, ach tha ise fada nas sine na sin.’
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaidh an iolaire sìos a’ bheinn. Thachair i ris a’ chomhachaig. Chuir i an aon cheist air a’ chomhachaig ’s a chuir i air an damh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘O,’ ars’ a chomhachag, ‘cha d’ fhairich mise riamh a leithid seo de dh’fhuachd.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Cha d’ fhairich no mise,’ dh’aontaich an iolaire.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Ach trobhad seo,’ ars a’ chomhachag, ‘tha seann bhreac ann an Lochan Coir’ na Ceannain a tha air aon sùil. Cuir an aon cheist airsan.’
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Dh’fhalbh an iolaire a bhruidhinn ris an t-seann bhreac. Chuir an iolaire a’ cheist air, ‘an d’ fhairich thu riamh a leithid de dh’fhuachd?’
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Dh’fhairich,’ fhreagair am breac. ‘Dh’fhairich mi aon latha a bha na b’ fhuaire na seo. Bha mi cho fuar anns an lochan ’s gun robh mi a’ gabhail ròidean mun cuairt, feuch an cuirinn teas orm fhìn. Bhuail mi air sgòr creige agus ’s e sin a dh’fhà g mi gus an latha an-diugh air aon sùil.’Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: sneachd: snow; Loch Abar: Lochaber; iolaire: eagle; damh: stag.
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ‘Cha d’ fhairich no mise,’ dh’aontaich an iolaire: ‘Nor did I,’ agreed the eagle. To create this structure, we have to use the verb that was used previously. Here are some examples: Chan fhaca mi a leithid riamh ‘I never saw the like’; chan fhaca no mise ‘nor did I’. Cha tà inig mi dhachaigh ann an à m ‘I didn’t come home in time’; cha tà inig no mise ‘nor did I’. Cha do rugadh mi anns an dùthaich seo ‘I wasn’t born in this country’; cha do rugadh no mise ‘nor was I’.
Seanfhacal na Litreach
Seanfhacal na Litreach: Nuair a bha Gà idhlig aig na h-eòin, b’ e sin linn an à igh: when the birds spoke Gaelic, that was the age of joy.
Broadcasts
- Sun 8 Feb 2015 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 11 Feb 2015 22:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.