Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain MacAsgaill, ministear Eaglais Shaor Ros Cuithne

Còmhla ris an Urr Iain MacAsgaill, ministear Eaglais Shaor Ros Cuithne. Gaelic religious service conducted by Rev Iain MacAskill, minister of Rosskeen Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, an laoidh agus an leughadh a leanas:
Salm 27: 4 air fonn Montrose agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 24: 9-10 air fonn Stornoway agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.
A' seinn an treas salm thairis air an fhichead bha Kenna Chaimbeul agus a' seinn 'An Criosd' a-mhàin' bha Muriel Urchardan.

Leughadh: Mata 17: 1- 13
Ceann-teagaisg: Mata 17: 1-13

Rugadh Mgr MacAsgaill ann an Dalabrog, Uibhist a Deas agus chaidh a thogail ann an Loch nam Madadh. Mus deach Iain a-staigh airson a bhith na mhinistear bhiodh e a' cur fàilte chridheil air luchd-siubhail a' tighinn 's a' falbh aig Port Adhair Bheinn na Faoghla, far an robh e ag obair aig BA airson trì bliadhna deug.
B' ann ann an 1997 a thòisich Mgr MacAsgaill a' searmonachadh ann an Uibhist agus chaidh Eaglais Shaor a stèidheachadh sa Cheann a Deas ann an Loch Baghasdal. Bha an coitheanail aige air leudachadh thar nam bliadhnaichean agus bha tòrr òigridh a' frithealadh nan seirbheisean. Bha Iain ann an Uibhist airson dusan bliadhna agus thairis air an ùine sin cuideachd stèidhich e Urras a' Chala airson cuideachadh le daoine a bha fulang le trioblaidean dibhe. Tha e fhathast na chathraiche air an urras ged a tha e an-diugh stèidhichte ann an Ros Cuithne.
Tha còrr air ceithir bliadhna bhon a ghluais Mgr MacAsgaill à Uibhist gu Eaglais Shaor Ros Cuithne. Tha an Eaglais eadar Alanais agus Inbhir Gòrdain agus tha mu 250 anns a' choitheanal aige. A bharrachd air obair na paraiste tha obair chudromach eile aige Mgr MacAsgaill agus e os cionn cùram spioradail Sgioba Ball-coise Ross County. Tha Iain cuideachd na iar-chathraiche air Bòrd na h-Eaglaise Saoire airson obair eadar-nàiseanta agus cuideachd na bhall de dh'Ùghdarras Ministearan Moldova.
Tha Iain pòsta aig Ann agus tha aon nighean aca, Kathryn. Tha ùidh mhòr aige ann am ball-coise agus ann an ceòl, 's luchd-ciùil leithid Van Morrison, Bob Dylan agus Johnny Cash gu mòr a' còrdadh ris.

30 minutes

An t-Urr Iain MacAsgaill

An t-Urr Iain MacAsgaill

Broadcasts

  • Sun 1 Mar 2015 09:00
  • Sun 1 Mar 2015 15:00
  • Sun 13 Sep 2015 09:00
  • Sun 13 Sep 2015 15:00