
Prògram 1
Clann-nighean Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill, le guthan seinn a ghlac aire a' mhòr-shluaigh. Ballantrushal's MacDonald sisters, whose singing attracted widespread interest.
Tha sinn air fad air cluinntinn mu na Peathraichean Dòmhnallach à Siadair air taobh Siar Eilean Leòdhais agus air eòlas a chur air an cuid seinn fad is farsaing. Nise ann an ceann eile na sgìre ann am Baile an Truiseil bha teaghlach eile de pheathraichean Dòmhnallach, an teaghlach aig Aonghas Mhurchaidh Dhòmhnaill agus bha an t-seinn ri chluinntinn gu bitheanta san dachaigh acasan cuideachd. Eadar meadhan na leth-cheudan gu toiseach na seachdadan chaidh an t-uabhas chlà raidhean a' dhèanamh de theaghlach Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill nan dachaigh ann am Baile an Truiseil le Sgoil Eòlais na h-Alba. 'S e dà in spioradail agus sailm a bh' anns a' chuid is motha de na clà raidhean. B'e an rud a b' annasaiche aig an à m gur e teaghlach de cheathrar chlann-nighean a bha os cionn na seinn : Peigi Anna, Murdina, Ceiteag is Oighrig, le Murdina mar bu thrice a' cur a-mach na loidhne. Bha agus tha fhathast cuid dhen t-seinn a chaidh a chlà radh ann an Taigh Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill tarraingeach do luchd-ciùil cliùiteach air feadh an t-saoghail - nam measg an neach-ciùil Martyn Bennett nach maireann, agus buidhnean drà ma eadar-nà iseanta, mar Voice of the Goat.
Anns an t-sreath seo tha Angela NicFhionghuin a' toirt sùil air a' bhuaidh a bh' aig an t-seinn air seinneadairean is buidhnean eile ach anns a' phrògram seo gheibh sinn a mach cò bh' ann an clann Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill.
Last on
Broadcasts
- Mon 23 Mar 2015 12:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 23 Mar 2015 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Mar 2015 13:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 6 Dec 2018 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 6 Dec 2018 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Dec 2018 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Sep 2021 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Aug 2023 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal