Main content
Sorry, this episode is not currently available

Aimhreit Aiginis

Calum MacFhearghuis a' gabhail sgrìob timcheall a' Rubha. An-diugh bùth Innis Uilleim. Calum Ferguson explores many of his favourite nooks and crannies in Point, Isle of Lewis.

Rugadh agus thogadh Calum MacFhearghuis ann am Port Mholair san Rubha a Leòdhas. Ann a 2004 rinn e sreath phrògraman a' dol timcheall a' sgìre a' tadhail air geodhaichean agus cladaichean, air cnuic agus glinn ag innse sheanchasan a tha a' dèanamh dealbh soilleir air an dòigh-beatha a bh' ann agus a' choimhearnsachd a bha dha chuairteachadh nuair a bha e na bhalach òg san Rubha sna 30an agus na 40an.

Sa phrògram mu dheireadh tha Calum a' toirt sùil air amhreit Aiginis a thachair san Fhaoilleach 1888. Tha e ag innse mun chumhachd a bh' aig an uachdaran Sir Seumas MacMhathain air an sgìre agus mar , mu dheireadh, chaidh muinntir an àite air an casan na aghaidh.

Tha sinn a' cuir crìoch air an t-sreath aig Stac 'an MacUilleim, mac brathair a shean-seanmhair. Bha 'An MacUilleim anns a' phriosan airson naoi mìosan agus 's e an duine bu shine a chuireadh ann an grèim san aimhreit.

Chaidh Rubha Chaluim a chraoladh an toiseach ann a 2004.

30 minutes

Last on

Sun 5 Apr 2015 09:30

Broadcasts

  • Thu 2 Apr 2015 12:03
  • Thu 2 Apr 2015 22:10
  • Sun 5 Apr 2015 09:30