Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sreath ùr an-diugh far a bheil Marisa NicDhòmhnaill a' cuir car air cor an t-saoghail. Marisa MacDonald casts a quirky look at world news and events.

Is iomadh caochladh a thig air an t-saoghal fo cheann bliadhna. Ach 'se naidheachdan an deireadh sheachdain a bhios Marisa NicDhòmhnaill a' gairm gach madainn Diluain agus i a' tòiseachadh sreath ùr far a bheil cùisean an t-saoghail nan adhbhar breithneachaidh dhith. Dè a chòrd rithe is dè nach do chòrd?

Tha an litir bho thall thairis an t-seachdain 'sa a' tighinn thugainn à Seville anns an Spàin far a bheil Catriona Zoltowska a' còmhnaidh.

Thànaig an leabhar dà chananach Eilean Uaine Thioradh a-mach an uiridh mu beatha, òrain agus ceòl Ethel NicCalluim a bhuineas do dh'Eilean Thioradh ach a tha an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Aora. Tha beatha ìnntineach air a bhith aig Ethel a' toiseachadh ann an Glaschu, a' faighinn togail ann an Tiriodh agus a' cuir a mhòr chuid dha beatha seachad ann an Inbhir Aora. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Mon 6 Apr 2015 21:03

Broadcasts

  • Mon 6 Apr 2015 09:03
  • Mon 6 Apr 2015 21:03