Main content
Sorry, this episode is not currently available

An-diugh eachdraidh an Fhèis Phan Cheilteach le feadhainn a th'air a bhi thall aige. A look at the history of the annual Pan Celtic Festival held in Ireland.

Thoisich an Fhèis Phan Cheilteach air an t-seachdain seo fhèin ann an Doire, an 44mh bliadhna den chruinneachadh seo de sheinneadairean, luchd-ciùil agus dannsairean bho na sia dùthchannan Ceilteach. Bheir sinn sùil air eachdraidh na Fèis le feadhainn a th'air a bhi thall 's a chunnaic agus gheibh sinn a-mach dè cho buntaineach 's a tha an fhèis anns an linn seo.

Tha An Tuirc air a bhith anns na naidheachdan bho chionn ghoirid 's cuid a siubhal tron dùthaich airson faighinn gu ruige Siria airson taic a thoirt dhan a' bhuidhean ceannairceach IS. Tha i stèidhichte ann an àite gu math cudromach le pàirt dhith ann an Àisia agus pàirt anns an Roinn Eòrpa agus tha sin ag adhbharachadh gu bheil poilitigs inntinneach anns an sgìre. Cluinnear mu shuidheachadh an latha an-diugh anns An Tuirc agus a' bhuaidh a th'aice air a nàbaidhean agus an Roinn Eòrpa s' an fharsaingeachd.

Mìnichidh Dòmhnall Màrtainn dhuinn dè tha na h-atharraichean ann am pèinnseanan a' ciallachadh dhan phoball. A-rèir choltais 's e naidheachd mhath a th'anns na h-atharraichean seo do chuid ach gu feum tuigse a bhi aca dè tha'd a' dèanamh.

Agus cluinnidh sinn mu chultar nam bothain, na togalaichean beaga, taitneach a tha sgapte air feadh ar glinntean 's bheanntan 'sa tha a' toirt fasgadh agus teasrachd dha luchd-coiseachd agus sreapadairean fad na bliadhna. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 8 Apr 2015 09:03

Broadcast

  • Wed 8 Apr 2015 09:03