
An t-Urr Calum MacIllEathain bhon Eaglais Shaor Leantainneach 2005
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Calum MacIllEathain bhon Eaglais Shaor Leantainneach. Archive service conducted by Rev Calum MacLean, Free Church Continuing 2005.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 9: 1-2 air fonn Montrose agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 103: 10-11 agus 's e Coinneach MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ùige, Leòdhas.
Salm 119: 164-165 agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Leughadh: Eòin 6: 31-48
Ceann-teagaisg Eòin 6: 37
Rugadh Mgr MacIllEathain ann an 1931 ann am baile Shiaboist. Fhuair e fhoghlam san sgoil ionadail gus an robh e ceithir bliadhna deug agus an uair sin chuir e seachad dà bhliadhna a' dèanamh a Sheirbheis Nà iseanta ann am Feachd an Adhair. Chaidh iompachadh sa bhliadhna 1952 's thog e fianais air taobh Chrìosd ann an 1953. Dà bhliadhna às dèidh sin dh' fhairich e gu robh Dia ga ghairm dhan mhinistrealachd 's thill e dhan fhoghlam, a' dèanamh cùrsa an toiseach ann an Colaiste Sgeiridh an Dùn Èideann eadar 1957 agus 1959. Chaidh e às an sin a dh' Oilthigh Obar Dheathain mus deach e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1961. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Loch Carrain ann an 1965 agus ann an 1973 ghabh e ri gairm bho choitheanal Tholastaidh bho Thuath an eilean à raich, far an robh e gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Tha Mgr Mac IllEathain pòsta 's tha triùir nighean aige.
Bhon a leig e dheth a dhreuchd thill Mgr MacIllEathain air ais a dh'fhuireach ann am baile à raich ann an Siabost. Bhiodh e fhèin 's a bhean a' dèanamh tòrr siubhail anns an dùthaich seo agus thall thairis, ach chan eil an-diugh air sgà th a shlà inte. Airson iomadach bliadhna cuideachd bha ùidh mhòr aig Mgr MacIllEathain ann a bhith a' fàs lusan anns a' ghà rradh.
Last on
An t-Urr Calum MacIllEathain

Broadcast
- Sun 25 Feb 2018 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal