
15/04/2015
An-diugh dè cho furasta agus a tha e a bhith a' siubhal thall-thairis le clann nad chois? Parents talk about the trials of travelling overseas with children.
Tha còrr agus dà mhìos ann bho chaidh an lagh atharrachadh a thaobh na tha e ceadaichte do dhraibhearan deoch là idir òl air cùl cuibhle carbad. Chan fhaod a-nis ach 50mg a bhith anns gach 100ml de dh'fhuil seach mar a b'à bhaist nuair a bha e aig 80mg. Air rèir a' bhuidhean ceannach Beacon tha taighean seinnse ann an Alba air suas ri trì fichead às a cheud a chall den ghnìomhachas aca air sgà th 's an lagh ùr seo. Tha Dòmhnall MacRath, Àrd Eaconomair Banca na h-Alba, cuideachd air a rà dh gu bheil an t-atharrachadh anns an lagh air buaidh a thoirt air mar a tha daoine a' cleachdadh agus a' cosg anns na taighean-òsta. Tha Cathy a' faighinn facal air tè a tha ag obair ann an taigh-bìdh agus ri fear nach diùilt dram a ghabhail.
Tha rannsachadh bho bhuidheann siubhal a' sealltainn gu bheil 61% do phà rantan dhen bheachd gu bheil a chlann aca fo aois còig bliadhna fada ro òg airson an toirt a-null thairis. Cluinnidh sin bho phà ranatan air mar a chaidh dhaibh fhèin nuair a thug iad a' chlann a-null thairis.
Agus tha Anndra MacFhionghain air ais còmhla rinn le fiosrachadh air an iris fasan mu dheireadh 'san t-sreath agus an t-seachdain sa iris nam fir GQ. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Wed 15 Apr 2015 12:33ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal