Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tha Dòmhnall I Dòmhnallach a' mìneachadh an cleas is ùire ann an saoghal teicneòlais. Donald I MacDonald explains the latest gimmick to appear in the world of technology.

Tha saoghal teicneòlais a' gluasad ag astar agus cha mhòr nach eil goireas ùr a nochdadh gach seachdain a-nis. 'Se an comas craoladh bhideo beò tro fòn-làimhe an cleas as ùr a th'air aire dhaoine a ghlacadh an-dràsta. Tha Dòmhnall Dòmhnallach a mìneachadh dè an roghainn a th'ann a thaobh goireasan a nì a leithid agus ciamar a thèid an comas adhartach seo a chleachdadh?

Tha Dòmhnall MacSuain air ais airson innse dè an seòrsa obair a tha ri dhèanamh aig an àm seo dhen bhliadhna air a' chroit.

Tha litir bho thall thairis a' tighinn à Èirinn an t-seachdain 'sa agus Maureen Nic Fhionghain ag innse dè a tha a' dol anns na naidheachdan acasan.

Agus tha Marisa NicDhòmhnaill a' gabhail an cothrom uair eile uallaichean an t-saoghail a shadail aiste. Dè a chuir a chais oirre thar na làithean a chaidh seachad agus cuideachd dè a chuir ann an sunnd i? bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Mon 20 Apr 2015 21:03

Broadcasts

  • Mon 20 Apr 2015 09:03
  • Mon 20 Apr 2015 21:03