
22/04/2015
An-diugh tha sinn a' comharrachadh gu bheil ceud bliadhna ann bho sgrios-cinnidh Armenia. Marking 100 years since the Armenian genocide.
An-diugh a' chiad là de dh'Fhèis nam Meadhanan Ceilteach ann an Inbhirnis agus gheibh sinn blas air na tha gu bhith a' gabhail à ite bho Iain Mac a' Ghobhainn, stiùiriche teicnigeach na Fèise.
Tha dealbhan air nochdadh bho'n charbad-fà nais 'New Horizons' a tha a' dèanamh a shlighe gu mu thimcheall a' phlanaid Pluto airson a' chiad uair. Tha seo a-nis a ciallachadh gun deach carbad-fà nais a chuir chun na naoi planaidean anns an rian-grèine. Tha Aonghas Dòmhnallach a' toirt iomradh air cuid dhiubh, 's e cuideachd ag innse dè na tha sinn air ionnsachadh bhon na sgrùdaidhean sin.
Tha sgeulachd inntinneach mu bhoireannach aois dhà dheug air fhichead a thuit na cadal agus a dhùisg a' smaoineachadh gur e caileag aois còig bliadhna deug a bh'innte a-rithist. Na'm b'e 's gun tachradh seo dhut, dè an aois a mhianaicheadh tu a bhith? Gheibh sinn beachdan bho thriùir.
Agus cluinnear bho Iain Mac a' Phearsain a tha a' cuimhneachadh air an sgrios-cinnidh ann an Armenia bho chionn ceud bliadhna air ais. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 22 Apr 2015 09:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Apr 2015 21:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal