Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Tòmas MacFhionghain, Eaglais na h-Alba, Càirinis 2002 - 2/2

2/2. Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Tòmas MacFhionghain, Eaglais na h-Alba, Càirinis 2002. Archive service from 2002 with the Rev Tommy MacKinnon.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 130: 1-5 air fonn Martyrdom agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland ann an Glaschu.
Salm 89: 15- 16 air fonn Torwood agus 's e Ruairidh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch ann an Leòdhas.
Salm 34: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh .

Leughadh:Salm 100
Ceann-teagaisg : Salm 100

B' àbhaist do Mhgr MhicFhionghain a bhith na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire agus Lagaidh Eararaidh gus an do leig e dheth a dhreuchd mar mhinistear aig Eaglais na h-Alba. Tha Mgr MacFhionghain an-diugh a' searmonachadh mar mhinistear aig an Eaglais Shaor. Chaidh gabhail ris mar mhinistear bhon Ògmhìos 2011 agus bidh e a' gabhail sheirbheisean a' chuid mhòr de Shàbaidean eadar Earra-Ghàidheal, Ulapul agus an t-Eilean Sgitheanach.

30 minutes

An t-Urr Tòmas MacFhionghain

An t-Urr Tòmas MacFhionghain

Broadcast

  • Sun 19 Apr 2015 21:00