
05/05/2015
An-diugh a' cuimhneachadh air na tidsearan a bu mhotha a thug buaidh air ar beatha. Remembering the teachers who were inspirational.
'S e Latha Taingealachd Luchd-teagasg a th'ann an t-seachdain seo anns na Stà itean Aonaichte agus 'se an-diugh Latha Taingealachd an luchd-teagasg. Deagh leisgeul beagan meòrachaidh a dhèanamh air cò iad na tidsearan a bu mhotha a thug buaidh air ar beatha.
Gheibh sinn beachd Donna Mà iri NicÌomhair air After I'm Gone le Laura Lippman. Tha Lippman air cliù a chosnadh dhith fhèin agus i gu math tric aig mullach nan clà ran aig a' New York times airson na leabhraichean as fhèarr a tha a reic. Anns an sgeulachd seo tha murt, eudachd, brathadh agus mòran chuspairean eile a' nochdadh san leabhar seo a' fà gail gun deach am fear seo e fhèin a mholadh le luchd breithneachaidh.
Tha Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein còmhla rinn le beachd air na tha anns na taighean deilbh an drà sta. Cluinnidh sinn an t-seachdain 'sa mun film Far from the Madding Crowd, ath-riochdachadh dhen nobhail a sgrìobh Thomas Hardy ann an 1874. Tha a' film seo air a stiùireadh Dà nach Thomas Vinterberg às an Danmhairg. Innsidh Ruairidh Alasdair dhuinn cuideachd mun film The Falling a tha air a stiùireadh le Carol Morley. Tha an sgeulachd stèidhichte anns a' bhliadhna naoi ceud deug trì fichead 'sa naoi. Tha dà nighean, Lydia agus Abbie, nan deagh deagh charaidean aig Sgoil Chaileagan ann an Sasainn. Nuair a tha Lydia a' dol ann an laigse tha na nigheanan eile anns an sgoil a' tòiseachadh air fanntachadh cuideachd gus a bheil an gnothach air a dhol na ghalar-sgaoilte. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Tue 5 May 2015 12:33ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal