
An t-Urr MÃ iri Byers bho Eaglais na h-Alba 2008
Seirbheis còmhla ris an Urr Mà iri Byers nach maireann bho Eaglais na h-Alba 2008. Gaelic religious service conducted by the late Rev Mairi Byers, Church of Scotland 2008.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean, sailm is leughaidhean a leanas:
O Thigibh Seinneamaid do Dhia, air a sheinn le coitheanal Eaglais Chill an Rubha ann an ÃŒle
Salm 23, air a sheinn le Kenna Chaimbeul
An Grà dh tha Naomh, air a sheinn le Coisir Eaglais Naomh Barr sa Bhà gh a' Tuath.
Chridhe Ghaolaich Ìosa, air a sheinn le Pòl MacCalluim
Siud an LÃ mh air an Luaidh Mi, air a sheinn le sgoilearan bho Sgoil Lionacleit.
Leughadh: Isaiah 30: 15, 18-21 & Eòin 14: 1-11 & 16
Ceann-teagaisg: Eòin 14:6
"Thà inig mi dhan t-saoghal seo mar nighean ministeir,
thuit mi ann an gaol, 's mi nise na mo bhean ministeir
agus cha do stad mi gun ro mi fhèin na mo mhinistear".
Na faclan aig an t-Urramach MÃ iri Byers nach maireann.
Rugadh Mà iri Byers neo Mà iri Laing ann an 1932. B' i an treas neach ann an teaghlach de sheachdnar aig an Urr Calum Laing 's a bhean Mà iri, neo Calum Raghnaill à Cnòc an Torrain agus Mà iri NicRuairidh à Staidhligearraidh.
Bha athair Mà iri, an t-Urr Calum Laing, na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba ann a Hobha Mòr an Uibhist a Deas agus 's e tidsear a bh' ann a Mà iri.
Chuir Mà iri òg seachad bliadhnaichean a h-òige ann an Uibhist a Deas, a' frithealadh Sgoil Hobha Mòr agus Àrd-sgoil Cheann a' Bhà igh. Bha i toilichte agus riaraichte le beatha mar eileanach, a' fàs suas ann an Uibhist a Deas .
Bha i ceithir bliadhna deug mus do chuir i cas air tìr-mòr na dùthcha. Chaidh i a dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh airson bliadhna agus an dèidh sin ghluais an teaghlach a dh' Alanais. Bha Mà iri a-nis a' frithealadh Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain agus, ged a bha i ag ionndrainn Uibhist, bha beatha air tìr-mòr a' còrdadh rithe cuideachd.
Bha Mà iri riamh ag iarraidh a bhith na banaltram agus airson a dhol a-null thairis na miseanaraidh. Nuair a dh'fhà g i an sgoil 's e sin am beachd a bh'aice ach dh'atharraich gnothaichean rud beag, oir choinnich i ris an duine aice agus, gu h-annasach, bha e fhèin cuideachd airson a bhith na mhiseanaraidh.
Chaidh MÃ iri san duine aice Ailean (an t-Urr ) a-null a Ghana far an robh iad airson iomadach bliadhna a' cuideachadh choimhearsnachdan an sin. Thill iad air ais a dh'Alba anns na seachdadan agus thill MÃ iri air ais gu foghlam agus i a-nis ag ionnsachadh a bhith na neach-teagaisg. Ach cha do stad i aig a sin - cha robh obair teagasg ag obrachadh a-mach dhi, agus mu dheireadh chaidh i a-staigh airson na ministrealachd .
B' e Diùra a' chiad choitheanal a bh' aice agus chan e a-mhà in gu robh e annasach a bhith faicinn boireannach a' searmonachadh, bha boireannach a' searmonachadh sa Ghà idhlig na annas buileach. Leig Mà iri dhith dreuchd paraiste ann an 1998 agus ghluais iad gu Annan. Airson iomadach bliadhna bha i gu math trang bho là gu là san sgìre sin a' frithealadh ospadail agus taighean-eiridinn agus cuideachd a' searmonachadh gu math tric air Là na Sà baid.
Bhà saich Mà iri anns an t-Samhain an uiridh.
Last on
An t-Urr MÃ iri Byers

Broadcasts
- Sun 24 May 2015 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Jun 2019 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal