
03/06/2015
Air seachdainn nà iseanta obair saor-thoileach bruidhinnidh sinn ri daoine a tha ri obair carthannais eadar dhealaichte. Coinneach chats to voluntary workers with various charities.
Seo seachdainn nà iseanta luchd-obrach saor-thoileach. Tha sinne a' dol a bhruidhinn ri triùir a tha trang a' cuideachadh diofar bhuidheanan a' cruinneachadh airgead agus ag obair airson carthanas.
Tha buidheann às an Eaglais Shassanach ag iarraidh nach bithear a' gabhail E air Dia ann an seirbheisean agus gum bithear ga choimhead air mar mhà thair. Tha a' bhuidheann Women and the Church (Watch) a' strì airson gun tèid Dia ainmeachadh mar bhoireann ann an seirbheisean. Tha aon bhoireannach às a' bhuidheann den bheachd gun cuir seo crioch air a bheachd gu bheil Dia mar "bhodach shuas anns na speuran". Chan eil a' bhuidheann den bheachd gur ann boireann a tha Dia...chan eil e boireann neo fireann, ach gu bheil e a toirt barrachd à ite do bhoireannaich anns an eaglais. Gheibh sinn beachdan Seonaid NicDhòmhnaill agus an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais air a' chùis.
Tha buidhean Slà inte Shasuinn air a rà dh gu bheil daoine a tha nan suidhe aig deasc ag obair fad an latha a' cuir am beath' ann an cunnart le cho beag 's a tha iad a' gluasad. Tha dìth eacarsaich ag adhbharrachadh duiligheadasan slà inte mar cus cuideam, tinneas an t-siucar agus fiùs aillse. Tha Coinneach gu bhi còmhradh ri daoine a tha ag obair ann an oifisean feuch am bheil iad mothachail dha na cunnartan seo agus dè na tha iad a' dèanamh ma dheidhinn.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 3 Jun 2015 09:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Jun 2015 21:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal