Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t- Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm

Seirbheis còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm. Gaelic religious service conducted by army chaplain the Rev Hector MacKenzie.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 09:1-2 air fonn Montrose agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho coitheanal Seminaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 124: 1-2 air fonn Stornoway agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chnuic.
Salm 72: 17&19 air fonn Walsall agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho clas luchd-seinn na sailm ann an Cille-Mhoire.
Leughadh: Salm 127
Ceann-teagaisg:Salm 127: 3

Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh na phadre anns an Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ris na Highlanders is tha e a-nis ann an Colchester an Sasainn. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.
Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a' cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air a sin, bidh e ag iomain, a' streap nam beann nuair a bhios cothrom aige, agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus dualchas 's eachdraidh nan Gàidheal.

30 minutes

An t-Urr Eachann MacCoinnich

An t-Urr Eachann MacCoinnich

Broadcasts

  • Sun 14 Jun 2015 09:00
  • Sun 14 Jun 2015 15:00