Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 48

An Seansalair Daibhidh Lloyd George aig co-labhairt armachd ann am Boulogne. David Lloyd George attends a munitions conference between the French and the British in Boulogne.

Air an naoitheamh latha deug dhen Ògmhios 1915 bha an Seansalair Daibhidh Lloyd George aig co-labhairt armachd ann am Boulogne san Fhraing. Air a' chlàr-gnothaich bha a' cheist mu ciamar a thigeadh aig Breatainn san Fhraing ceum a chumail ris an àireamh ghunnachan a bha a' Ghearmailt a' toirt dhan Arm aca. Às dèidh na co-labhairt chaidh aithris a sgrìobhadh a' cur a-mach na bhiodh a dhìth de ghunnachan agus peilearan airson Arm de mhillean saighdeir no leth-cheud 's a ceithir rèiseamaid. Chaidh a thomhas gum feumadh an àireamh pheilearan is stòr-cogaidh èirigh bho 114,000 cuairt gach seachdain san Ògmhios 1915 gu 600,000 gach seachdain sa Ghiblean 1916. Bha sin a' ciallachadh gun robh na factaraidhean airm air feadh Bhreatainn gu bhith gu math nas trainge bho seo a-mach.

Cluinnidh sinn cuideachd bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu Bhatal Lemberg. Cha robh ach dà rèiseamaid Ruiseanach a' dìon a' ghearastain aig Lemberg fo stiùir an Seanaral Brusilov. 'S e gearastan cudromach Austro-Ungàrianach a bh'ann aig ceann an iar nam beanntan Carpathian, agus bha na Gearmailtich dha iarraidh air ais.

10 minutes

Last on

Fri 26 Jun 2015 11:50

Clip

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Thu 25 Jun 2015 21:00
  • Fri 26 Jun 2015 11:50