
Tasglann: An t-Urr Eachann Moireasdan 1/2
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Eachann Moireasdan bho 2000. A Gaelic archive service from 2000 conducted by Rev Hector Morrison of the Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis chuala sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 145: 10-13 air fonn Evan agus 's e Seonaidh MacSuain a bha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 67: 6-7 air fonn Stornoway agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn.
Salm 72: 17-18 air fonn Montrose agus 's e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, Ùige Leòdhais.
Leughadh: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Ròmanach 8: 14-27
Ceann-teagaisg: Ròmanaich 8: 22
Rugadh Eachann Moireasdan ann an 1955 ann an Steòrnabhagh. 'S ann à Grabhair a bha a phà rantan - bha athair na bhreabadair agus 's e banaltram a bha na mhà thair. Bha ceathrar bhalach anns an teaghlach aige agus b' e an dà rna duine bu shine.
Chaidh Mgr Moireasdan a Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu dhan oilthigh ann an 1973. Cheumnaich e ann an 1976 agus mar phà irt den trèanadh aige airson na ministrealachd cheumnaich e a-rithist ann an 1980.
Phòs Mgr Moireasdan agus a bhean, Annice NicIllFhinnein, ann an 1981. Chaidh Mgr Moireasdan a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige san Dùbhlachd 1981. Chuir e seachd naoi bliadhna na mhinistear air coitheanal Bharabhais agus rugadh dithis mhac dhaibh aig an à m sin, Neil agus Ruaraidh. Dh'ionnsaich Mgr Moireasdan a' Ghà idhlig nuair a bha e ann am Barabhas agus thòisich e air searmonachadh sa chà nan.
Ann an 1990 ghluais iad a Loch Aillse - b' e a' chiad ministear a bha air a' choitheanal sin. Rugadh an treas leanabh nuair a bha iad ann an Loch Aillse agus 's e Cailean a thug iad air. Cho fad 's a bha Mgr Moireasdan na mhinistear aig Eaglais na h-Alba, bha e na bhall air iomadach comataidh. Ghluais iad à Loch Aillse ann an 1994 nuair a thòisich e fhèin agus feadhainn eile a' cur air chois Ionad Diadhachd na Gà idhealtachd.
'S e Maighstir Moireasdan, cuide ris an Ollamh Anndra McGowan, a bha gu mòr air cùlaibh Ionad Diadhachd na Gà idhealtachd, a chaidh a stèidheachadh ri taobh Colaiste Mhoireibh, a chur air chois. Bha an t-ionad mar phà irt de dh'ionadan is colaistean a bha air an stèidheachadh fo bhratach Oilthigh na Gà idhealtachd.
Thòisich iad ann an ionad beag ann an 1994 ri taobh Colaiste Mhoireibh agus chaidh à ite nas motha a thoirt dhaibh aig a' cholaiste ann an ùine gu math goirid. Aig toiseach 1999, ghluais iad gu ionad gu math nas motha ann an Inbhir Pheofharain, far a bheil iad a-nise neo-eisimeileach bho Cholaiste Mhoireibh agus an togalach fhèin aca. Dh'atharraich iad an t-ainm gu Colaiste Diadhachd na Gà idhealtachd.
Ghabh Mgr Moireasdan thairis obair Prionnsapal na Colaiste ann an 2009.
Last on
An t-Urr Eachann Moireasdan

Broadcast
- Sun 28 Jun 2015 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal