Main content
Sorry, this episode is not currently available

04/08/2015

Tha Sandra Mhoireach ag innse mun turas aice an t-seachdain-sa a' coimhead air taisbeanaidhean an fhasan. Sandra Murray recalls her tour of current fashion exhibitions.

Tha Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein a toirt dhuinn a bheachd air dà fhilm ùr a tha anns na taighean deilbh air an t-seachdain-sa, Mission Impossible - Rogue Nation agus The Legend of Barney Thomson.

Chuir Sandra Mhoireach an t-seachdain seachad a' coimhead ri taisbeanaidhean an fhasan ann an Alba agus ann an Sasainn. Cluinnidh sinn mar a chòrd iad rithe.

Nochd naidheachd an t-seachdain-sa chaidh mu dheidhinn boireannach a bhuannaich suim airgead bho tiomnadh a màthair as dèidh dha màthair a h-ùile càil fhàgail do chathrannas. Thuirt an àrd-britheamh gun robh a màthair neo-reusanta le an tiomnadh anns a' chiad àite is gun robh còir aig a h-nighne air an d'airgead. Dè tha seo a ciallachadh a-nis do dhaoine nach eil toilichte le na bha sgrìobht' anns na tiomnaidhean? Dè feum tiomnadh a bhith agad ma thèid aig cuideigin a dhol na aghaidh? Gheibh sinn fiosrachadh bhon tè lagh Magaidh NicAoidh.

Tha sgriobhadairean air a bhi a' gearrain air na meadhanan soisealta gum bi daoine a' foighneachd ceistean luideach dhaibh, ag ràdh nach eil mar a chuir iad crìoch air sgeulachd a' còrdadh riutha, is a leithid. Cluinnidh sinne bho Marie C NicAmhlaigh agus Aonghas Dubh MacNeacail, feuch dè a tha an luchd-leughaidh air canntain riutha.

1 hour, 27 minutes

Last on

Tue 4 Aug 2015 12:33

Broadcast

  • Tue 4 Aug 2015 12:33