
18/08/2015
Tha Calum Aonghas MacAoidh còmhla rinn le Feasgar agus gheibh sinn beachd Ruairidh Alasdair air Pixels. Calum Angus MacKay hosts, and Ruairidh Alasdair reviews Pixels.
Tha Calum Aonghas MacAoidh còmhla rinn an-diugh le Feasgar.
Cluinnidh sinn bho Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein mun fhilm ùr anns na taighean-deilbh, Pixels.
Tha Sean MacLeòid na chleasaiche anns an dealbh-chluich Sequamur a tha ga shealltainn aig Fèis Dhun Èideann an t-seachdain-sa. Tha an dealbh-chluich stèidhchte air faireachdainnean maighstir-sgoile Sgoil MhicNeacail ann an Leòdhas agus e air a bhith a' brosnachadh na sgoilearan a dhol dhan chiad chogadh. Gheibh sinn facal air Sean air mar a tha a' dol dhaibh an lùib an iomadh nì eile a tha air a thaisbeanadh air srà idean a' bhaile air a' mhìos a tha seo.
Tha Flora, à Alba, farpaiseach air Great British Bake Off 2015, air a rà dh gu bheil còrr is ceud leabhar còcaireachd aice. Chuir seo ioghnadh air gu leòr oir chan eil i ach 19 a dh'aois. An e tòrr a tha seo no a bheil a cheart uidhear aig daoine a tha measail air còcaireachd? Gheibh sinn a-mach.
bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Tue 18 Aug 2015 12:33ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal