
27/08/2015
An-diugh tha Aonghas Dòmhnallach ann an cathair Choinnich. Angus MacDonald sits in for Kenny MacIver for debate and discussion.
An-diugh tha Aonghas Dòmhnallach ann an cathair Choinnich.
Am measg na th'air chlà r aige dhuibh tha Fèill nan Uan. Saoil ciamar a tha a' dol dha na prìsean am bliadhna agus gu seachd h-à raid an dèidh an droch aimsir a th'air a bhith againn.
Cuideachd lèirmheas den leabhar A Stornoway Life le Pat MacPhà rlain. Tha Agnes Rennie, Magaidh NicChoinnich agus Donna Nicleòid air a bhith ga leughadh agus bheir iad beachd air na h-aistean anns an leabhar a tha nan sgà ilean air beatha Pat a' fàs suas ann an Steòrnabhagh anns an aon taigh 'sa bheil e a' fuireach an-diugh, bliadhnaichean a' chogaidh ann an Afraga a Deas agus iomadh sgeulachd a chuala e bho charaidean anns a bhùth aige fhèin a bha ann am meadhain a' bhaile.
Thèid taghadh pà rlamaid Chatalonia anns an Spà innt a chumail air 27 Sultain 2015. Tha Niall O' Gallagher a' mìneachadh poileataigs na sgìre agus mar a dh'fhaodadh cùisean a dhol aig à m an taghaidh.
Agus tha an t-eòlaiche-inntinn Dòmhnall Macleòid a' toirt beachd air cuspair a' phògram telebhisean Horizon: OCD A Monster in My Mind a bha air ÃÛÑ¿´«Ã½ a dhà an-raoir. Tha a chuid is motha againn a smaoineachadh nach eil ann Obsessive Compulsive Disorder (OCD) ach rud a tha air daoine a tha a' dèanamh cus obair glanaidh. Ach mar a mhìnicheas Dòmhnall, tha cunnartan mòra na lùib. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 27 Aug 2015 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 27 Aug 2015 21:13ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal